CalMac air barrachd sheòlaidhean a chur air dòigh eadar Barraigh is an t-Òban

MV Isle of Lewis
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Isle of Lewis am measg bhàtaichean a tha a-mach à seirbheis an-dràsta is gainnead shoithichean a' toirt buaidh air CalMac

  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air barrachd sheòlaidhean a chur air dòigh eadar Bàgh a' Chaisteil is an t-Òban anns na seachdainean ri tighinn às dèidh ghearanan bho mhuinntir Bharraigh.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad mothachail gu bheil seo cuideachd a' fàgail gu bheil seirbheis Uibhist a Deas air a lùghdachadh.

Bha trioblaid le dìth bhàtaichean san lìonra an-dràsta air fàgail gun robh a' chompanaidh aiseig roimhe air clàr-ama eadar-amail fhoillseachadh eadar an t-Òban, Loch Baghasdail is Bàgh a' Chaisteil.

Bhiodh an clàr-ama ann eadar Dihaoine seo tighinn - nuair a thòisicheas clàr-ama an t-samhraidh - agus Diardaoin an 16mh den Ghiblean.

Dh'fhàg na planaichean cuid ann am Barraigh gu math mì-thoilichte ge-tà, is trì là san t-seachdain nuair nach robh seirbheis idir gu bhith ann eadar Bàgh a' Chaisteil is an t-Òban.

Nochd dragh gum biodh seo air planaichean cuid airson na Càisge a chur ceàrr.

Tha CalMac a-nise ag ràdh gu bheil iad atharrachaidhean eile a dhèanamh air a' chlàr-ama eadar 27/03 is 16/04 "às dèidh beachdan fhaighinn bho choimhearsnachd Bharraigh".

Fon chlàr-ama ùr, taobh a-muigh, tha a-nise seòlaidhean air ais is air adhart eadar Barraigh is an t-Òban seachd là san t-seachdain.

Ann am brath air na meadhanan sòisealta, thuirt Comataidh Còmhdhail Bharraigh gur e "piseach mòr" a tha seo air a' chlàr-ama a bh' ann.

Tha na seòlaidhean a bharrachd ge-tà, air bualadh cuideachd air an t-seirbheis a bha Uibhist a Deas gu bhith a' faighinn.

Bidh a-nise seòlaidhean madainn Dimàirt is madainn Diardaoin à Bàgh a' Chaisteil a' stad ann an Loch Baghasdail air an t-slighe dhan Òban, is stadaidh seirbheis feasgar Didòmhnaich eadar an t-Òban ann an Uibhist a Deas air an t-slighe a Bharraigh.

Chan eil seòlaidhean dìreach idir ann eadar Uibhist a Deas is An t-Òban, mar a bha sa chlàr-ama a bha CalMac air foillseachadh sa chiad dol a-mach.

Thuirt tè-labhairt bho ChalMac: "Ged a tha sinn mothachail gu bheil seo a' cur ri seirbheisean Bharraigh, tha e cuideachd a' toirt lùghdachadh nach beag air seirbheisean Loch Baghasdail.

"Gheibh bathar a tha a' dol gu agus à Loch Baghasdail prìomhachas air an MV Isle of Mull còmhla ri bathar Bhàgh a' Chaisteil mus tèid rùm a thoirt do charabadan eile."

Thuirt an tè-labhairt gu bheil fios aig CalMac nach bi na h-atharrachaidhean seo a' freagairt air a h-uile duine, ach gur e an t-amas a th' aca roghainn air siubhal a thoirt gu àireamh cho mòr de dhaoine 's as urrainn dhaibh.

Tha iad cuideachd ag ràdh gum bi clàr-ama ùr, taobh a-muigh aig an MV Clansman air slighe Ùig, Loch nam Madadh is an Tairbeart Didòmhnaich, Diluain is Diciadain gus seirbheisean Uibhist a leasachadh.

Thuirt CalMac cuideachd gun robh iad air coimhead air roghainnean a thaobh sheòlaidhean a bharrachd air Caolas Bharraigh ach nach robh e comasach seo a dhèanamh.