Bile ùr na Croitearachd a' dol troimhe le 119 bhòt

Crodh ann an Teilisnis, Na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Bhòt buill aig Holyrood airson Bile na Croitearachd feasgar Dimàirt. Bhòt 119 ball air a shon, gun duine na aghaidh agus cha do sheachain ball sam bith bhòtadh air a' bhile.

Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil an reachdas ag amas air croitearachd a' neartachadh agus ùrachadh.

Tha mu 30,000 duine air feadh Alba ann an dachaigh croitearachd.

Bha taic thar-phàrtaidh ann airson Cùirt an Fhearainn agus Tribùnal Fearainn na h-Alba a thoirt còmhla. Tha an dà bhuidhean sin an-dràsta a' dèiligeadh ri suidheachaidhean eadar-dhealaichte.

Tha riaghailtean agus laghan croitearachd tric gan càineadh airson a bhith sean-fhasanta agus toinnte.

Tha an riaghaltas ag ràdh gun dèan am bile seo cùisean nas sìmplidhe.

Bidh barrachd chothroman ann do chroitearan leasachadh a-chùm maith na h-àrainneachd a dhèanamh air an fhearann aca.

Thèid riaghailtean nas teinne a chuir an sàs a thaobh a bhith a gluasad croitean gu urrasan prìobhaideach agus gu companaidhean.

Nì e cuideachd nas fhasa e croitean a thoirt do bhall teaghlaich às aonais sanasachd poblach.

Chaidh sreath de dh'atharrachaidhean a dheasbad feasgar Diardaoin aig Holyrood.

Tha cuid air càineadh a dhèanamh air a' bhile ùr agus iad ag ràdh nach eil e a' dol fada gu leòr.

Tha gearainean air a bhith ann mun phròiseas agus tha an riaghaltas fhèin ag aideachadh gum bi feum air reachdas a bharrachd a thuilleadh air a' bhile ùr seo.

Dh' aidich Rùnaire nan Cùisean Dùthchail Jim Fairlie an-diugh gu bheil tuilleadh a dhìth. B' e sin a bha gach partaidh eile cuideachd ag ràdh.

Thuirt ball nan Eilean Siar aig Holyrood, Alasdair Allan: "Tha 140 bliadhna de dh' achdan croitearachd air laghan toinnte a chruthachadh nach eil èifeachdach do chroitearachd an-diugh. Tha fàilte air a' bhile seo airson pàirt den ghnothach a dhèanamh nas sìmplidhe. Tha mi an dòchas gum faic sinn barrachd reachdas a tha dol nas fhaide a dh' aithghearr."

Tuilleadh air an sgeulachd seo