Adhartas le Campas Bharraigh is Bhatarsaigh

- Air fhoillseachadh
Tha adhartas air tighinn ann am pròiseact campas ùr do Bharraigh is Bhatarsaigh.
Fhuair Comhairle nan Eilean Siar litir bho Riaghaltas na h-Alba a' dearbhadh gum faigheadh iad airgead calpa bhon riaghaltas airson na h-obrach.
'S fhada o chaidh bruidhinn an toiseach air hub coimhearsnachd a chruthachadh am Bàgh a' Chaisteil anns am biodh sgoil ùr agus goireasan slàinte, spòrs agus seirbheisean poblach eile.
Tha mòran ghearainean air a bhith ann o thidsearan agus o phàrantan mun droch staid anns a bheil an sgoil an-dràsta.
Feumar a-nise obrachadh eadar an riaghaltas, NHS na h-Alba, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus CnES a thaobh na h-ath cheumannan gus plana gnothachais a chuir ri chèile agus gus an tèid a' chùis a choimiseanadh gu foirmeil.
Thuirt àrd-oifigear na comhairle, Malcolm Burr gun robh iad gu mòr an dòchas nach biodh dàil sam bith ann leis an ath cheum agus gun deadh aca air companaidh fhastadh airson obair a dhèanamh a thaobh dealbhachadh fhad 's a bhiodh iad a' rannsachadh chosgaisean agus mar a dheadh am pròiseact a' lìbhrigeadh.
Thathar an dòchas an uairsin gun deadh am plana a cheadachadh anns na seachdainean no na mìosan a tha romhainn.
Thuirt Mgr Burr gun robhar fhathast ag amas air gum biodh an campas deiseil an ceann còig bliadhna.
"Chan eil e cho furasta 's dòcha pròiseact mòr mar seo a' lìbhrigeadh ann am Barraigh is Bhatarsaigh, ach tha sinn air pròiseactan mòra eile a dhèanamh anns na h-eileanan sin ann am bliadhnaichean eile agus tha mi misneachail dha-rìreabh gun tèid againn air an aona rud a dhèanamh an turas seo," thuirt Mgr Burr.
Thuirt e, agus e an impis a dhreuchd a leigeil dheth, gun robh e air leth toilichte gun robh am pròiseact air tòiseachadh a thaobh a' phròiseas agus gun robh e gu mòr an dòchas gum biodh an lìbhrigeadh a' tòiseachadh a dh' aithghearr cuideachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Gearran
