Campas Bhatarsaigh is Bharraigh "air an t-slighe cheart"

Bàgh a' Chaisteil le Bhatarsaigh agus na h-eileanan aig deas bhon adharTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha bliadhnaichean mòra on fhuair muinntir Bharraigh is Bhatarsaigh gealltanas gum faigheadh iad goireasan foghlaim is slàinte ùra

  • Air fhoillseachadh

Chuala comhairlichean nan Eilean Siar gu bheil dùil a dh'aithghearr ri litir fhoirmeil bho Riaghaltas na h-Alba a' dearbhadh gu bheil iad a' cur taic ris a' phròiseact Campas Bharraigh is Bhatarsaigh a thogail agus an t-aonta maoineachadh a bhios ann air a shon.

A rèir aithisg bho Àrd-oifigear an ùghdarrais ionadail, Malcolm Burr, bha còmhraidhean math aca mu mhaoineachadh airson na làraich le oifigich riaghaltais san Dùbhlachd.

Tha bliadhnaichean mòra ann on chaidh bruidhinn an toiseach air nàdar de hub coimhearsnachd a chruthachadh am Bàgh a' Chaisteil sam biodh sgoil ùr cho math ri goireasan slàinte, spòrs agus seirbheisean poblach eile.

An dèidh bhliadhnaichean a' beachdachadh air a' phròiseact agus iomadh dàil air, bha gealltanas ann am prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba sa Chèitean gun rachadh e air adhart.

A' bruidhinn aig coinneimh de Chomataidh an Fhoghlaim Dimàirt, thuirt Mgr Burr gun deach adhartas nach beag a dhèanamh air a' phròiseact.

Thug buill na comataidh taic ri moladh Bòrd Pròiseict a stèidheachadh airson an obair a stiùireadh.

Thèid dà dhreuchd ùr a chruthachadh cuideachd airson am pròiseact a thoirt gu buil.

Thuirt an aithisg aig Mgr Burr gun deach aonta a ruighinn mun talamh fhaighinn far an tèid na goireasan poblach ùra a thogail.

Bha rabhadh an cois na h-aithisge gum fàgadh dàil a bharrachd air an sgoil ùr gum biodh e na bu duilghe buileach an seann sgoil a chumail aig ìre.

Tha gearanan air a bhith ann bho thidsearan agus pàrantan mun staid sa bheil i.

Tha comhairliche Bharraigh is Bhatarsaigh, Archie MacNèill, a' cur fàilte air an aithisg

"Thug e ùine mhòr faighinn chun na h-ire seo, ach tha sinn air an t-slighe cheart a-nis."

Dh'aontaich Leas-Cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais, ris agus thuirt e gun robh "solas aig deireadh an tunail" airson pròiseact a' Champais.