Fàilte air gealltanas airson sgoil agus ospadal ùr a Bharraigh
Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd bho Riaghaltas nas h-Alba gun tèid Campas Bharraigh is Bhatarsaigh air adhart, le goireasan ùra foghlaim agus slàinte.
Bha mì-thoileachas mòr ann nuair a dh'innis an riaghaltas dhan choimhearsnachd bho chionn dà bhliadhna nach biodh airgead ann airson ospadail ùir do Bharraigh.
Dhearbh an riaghaltas gun obraicheadh iad le buidhnean airson plana seasmhach a dhealbhachadh.
Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn, Micheil MacNèill.