Còig bliadhna, seach deich, 'son Campas Bharraigh is Bhatarsaigh a thogail

- Air fhoillseachadh
Bheir e còig bliadhna, seach deich mar a bhathas an dùil, airson Campas Bharraigh is Bhatarsaigh a thogail, a rèir Riaghaltas na h-Alba.
Dh'innis Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gun tuirt Riaghaltas na h-Alba sin ris an ùghdarras ionadail.
Bidh sgoil ùr, a thuilleadh air goireasan slàinte agus spòrs agus seirbheisean poblach eile, air an làraich ann am Bàgh a' Chaisteil.
An dèidh bhliadhnaichean a' beachdachadh air a' phròiseact, bha gealltanas ann am prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba sa Chèitean gun deadh e air adhart.
Bheachdaich Comataidh Poileasaidh is Stòrais na Comhairle air an naidheachd Diciadain.
"Stèidhichte air an aithisg a bha mu choinneimh bhall an-diugh tha e nas coltaiche ri còig bliadhna," thuirt Mgr Steele.
"'S e ùine fhada a th' ann an sin fhathast ... ach tha e math an ùine sin fhaicinn ga giorrachadh."
Thàinig e am bàrr Dimàirt gum fàg Àrd-Oifigear na Comhairle, Malcolm Burr, a dhreuchd sa Mhàrt an ath-bhliadhna, ag ràdh gur e campas Bharraigh is Bhatarsaigh fear de na rudan as cudromaiche air an robh a' Chomhairle ag obair sna bliadhnaichean mu dheireadh.
Chan eil e soilleir aig an ìre seo ge-tà, cuin a thòisicheas an obair air a' champas ùr a thogail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An t-Sultain 2024
