Isle of Lewis dheth trì mìosan 'son a càradh

MV Isle of Lewis aig cidhe Bhàgh a' Chaisteil
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt CalMac nach dèanadh càradh san eadar-ama an gnothach leis an t-suidheachadh a th' ann

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar nach robh suidheachadh nan aiseagan a-riamh cho cugallach is e air tighinn am bàrr gur dòcha nach bi an MV Isle of Lewis aig muir airson suas ri trì mìosan is obair-càraidh a dhìth oirre.

Tha CalMac air innse gu bheil iad a' coimhead ri atharrachaidhean san lìonra gus nach tèid Barraigh fhàgail gun aiseag.

Tha an Isle of Lewis an-dràsta san doc ann an Obair Dheathain, an dèidh mar a sheall sgrùdadh gu bheil obair a dhìth air tanca connaidh air bòrd.

Thuirt CalMac nach e càradh san eadar-ama a fhreagaras air an t-suidheachadh seo.

Tha an soitheach a' frithealadh na slighe eadar Barraigh is san t-Òban is bha dùil rithe air ais an t-seachdain seo tighinn.

Tha CalMac a' dèanamh ath-sgrùdaidh air ciamar a thathas a' cleachdadh nan soithichean aca air feadh Alba gus nach toir seo cus buaidh air na seirbheisean aca.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Cathraiche Còmhdhail CnES Ùisdean Robasdan gum bi coinneamh aige mun chùis Diciadain fhèin le Rùnaire na Còmhdhail Fiona Hyslop is le Còmhdhail Alba.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ùisdean Robasdan a' bruidhinn air Aithris na Maidne

Thuirt Mgr Robasdan gu bheil an Hebrides a-nise a' dol dhan doc is an Clansman a' dol na h-àite, is gu bheil aonta màil an Alfred gus tighinn gu ceann, is mar sin gu bheil e doirbh dha fhaicinn dè nì CalMac.

"Tha sinn air a bhith a' còmhradh mu dheidhinn seo airson dhà no trì bliadhnaichean is a h-uile turas thathar an dòchas gu bheil cùisean a' tighinn nas fheàrr, ach leis an fhìrinn innse, aig a' cheart àm seo, chan urrainn dhomh smaointinn air àm anns na bliadhnaichean a chaidh seachad nuair a bha gnothaichean buileach cho cugallach.

"Tha Loch Baghasdail agus Bàgh a' Chaisteil gu h-àraid air fulang gu mòr.

"Chan eil fiosam dè freagairt a gheibh sinn an-diugh ach gun teagamh gun teagamh tha e gu math draghail."

Thuirt an Comh Robasdan gu bheil dragh air cuideachd gun toir e nas fhaide na trì mìosan air a' cheann thall an Isle of Lewis a chàradh.

Thuirt e gu bheil e an dùil gum bi aig CalMac ris an Alfred a chumail, ged a thuirt Pentland Ferries an t-seachdain seo gum bi i fhèin a' dol dhan doc nuair a thig an t-aonta màil gu ceann aig deireadh na seachdain seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo