Cìs na Comhairle suas 8.5% sna h-Eileanan Siar

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar ri àrdachadh de 8.5% sa chìs-chomhairle agus iad air buidseat na bliadhna-ionmhais a tha romhainn a dhearbhadh oidhche Mhàirt.
Bha aig buill ri beàrn de £4.5m a lìonadh, an dèidh molaidhean a chaidh a chur air adhart aig deasbad an t-seachdain a chaidh.
Bha dùil gun àrdaicheadh a' chìs-chomhairle 9.5%, ach ghabh buill de chomataidh Poileasaidh agus Stòrais feasgar Dimàirt ri moladh bho cheannard an ùghdarrais ionadail, Pòl Steele, sin atharrachadh.
Bha sin an dèidh mar a chuir buill SNP atharrachadh air adhart gus a' chìs-chomhairle a chur suas 7.5%.
Ghabh an làn chomhairle 15-13 ri moladh Mhgr Steele.
Thèid an 1% eile a phàigheadh bho chùl-stòras ionmhais na comhairle.
Fàgaidh seo gum bi daoine le dachannan aig Bann D sna h-Eileanan Siar a' pàigheadh £1,505.50 sa bhliadhna.
Thuirt an Comh Steele gu bheil a' chomhairle air èisteachd ri dragh a thog daoine mu chosgaisean bith-beò is gun robh buill 'son a' chìs "a lùghdachadh cho mòr 's a b' urrainn dhuinn."
Dùil ri dearbhadh air buidseat Comhairle nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Àrdachadh 9.5% air a' chìs-chomhairle sna h-Eileanan an Iar air a' bhòrd
- Air fhoillseachadh17 An Gearran
Bha deasbad is dragh ann anns na seachdainean mu dheireadh mu mhaoineachadh nan eilean anns na h-Eileanan an Iar.
Cho-dhùin CnES bho chionn dà bhliadhna gun an tuilleadh maoineachaidh a thoirt do bhuidhnean ealain, ach gun tigeadh taic-airgid bho Stòras Oighreachd a' Chrùin 'son 2024/25 agus 2025/26.
Às dèidh do bhuidhnean ealain iomagain a thogail mun seo, dh'aontaich comhairlichean nas tràithe air a' mhìos seo gun leanadh iad orra airgead a sgaoileadh bho stòras Oighreachd a' Chrùin, ach gum bi aig na diofar bhuidhnean ri tagradh a dhèanamh airson phròiseactan fa leth, seach maoineachadh coitcheann fhaighinn.
Chaidh atharrachadh a chur air adhart aig coinneamh a' bhuidseit Dimàirt leis na comhairlichean Nàiseantach Gòrdan Moireach is Rae MacCoinnich airson maoineachadh na h-ealain mar a bha e - £109,145 - a chumail a' dol le airgead bhon chùl-stòr.
Bhòt buill 17-10 an aghaidh sin.
Taic a' phobaill ga sireadh is na h-ealain sna h-Eileanan Siar "ann an cunnart"
- Air fhoillseachadh19 Am Faoilleach
Dragh an Uibhist mu airgead nan ealan
- Air fhoillseachadh20 Am Faoilleach
Leanaidh maoineachadh comhairle do na h-ealain sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh3 An Gearran
A' bruidhinn às dèidh làimh, thuirt Pòl Steele gu bheil e den bheachd gu bheil roinn nan ealan anns na h-Eileanan an Iar "ann an suidheachadh glè mhath".
"Gu mì-fhortanach tha e am measg roinnean air nach eil dleasdanas oirnn a mhaoineachadh, is mar sin feumaidh sinn a bhith faiceallach a thaobh taic a chumail ris agus a' bhuaidh air seirbheisean a dh'fheumas a bhith againn.
"Tha sinn a' cur taic ri sruthan maoineachaidh eile ann dha na h-ealain is tha an stòras ris an do dh'aontaich sinn, 's e àrdachadh a th' ann air na bh' ann roimhe".
Bha riochdairean bho bhuidhnean ealain an làthair aig an deasbad ge-tà, nach robh air an dòigh nach d'fhuair an gluasad bho Gòrdan Moireach is Rae MacCoinnich taic.
Chaidh gabhail ge-tà, ri atharrachadh a' Chomh Mustapha Hocine gun £50,000 a thoirt air falbh bho bhuidseat slàinte-inntinn chloinne is comhairle do dhaoine òga.
Thig an t-airgead sin a-mach à stòras Oighreachd a' Chrùin.