Àrdachadh 9.5% air a' chìs-chomhairle sna h-Eileanan an Iar air a' bhòrd

- Air fhoillseachadh
Tha a' chìs-chomhairle a chur an-àirde 9.5% am measg na tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh airson buidseat na h-ath-bhliadhna-ionmhais a chothromachadh.
Dh'fhàgadh e gum biodh daoine le taighean ann an Bann D a' pàigheadh £1,519.38 sa bhliadhna - àrdachadh £131.82 sa bhliadhna neo £2.53 san t-seachdain.
Tha na molaidhean ann an aithisg a' bhuidseit a dheasaich an t-Àrd-Oifigear Malcolm Burr agus Àrd-Oifigear Roinn an Ionmhais Sandy Gomez a bhios air beulaibh Comataidh a' Phoileasaidh agus an Stòrais an ath-sheachdain.
Tha an aithisg a' mìneachadh mar a tha a' Chomhairle am beachd beàrn buidseit £4.49m a lìonadh.
Am measg sin, tha gearraidhean luach £380,000, ged nach e suim mhòr a tha seo an taca ri sàbhalaidhean corr is £1.5m air an robhar a' deasbad sa Ghearran 2024, agus gearraidhean £2.6m bho chionn còig bliadhna.
"Glè bheag de roghainnean ann"
Bheireadh na gearraidhean a tha san amharc an-dràsta buaidh, am measg eile, air seirbheisean comhairleachaidh do chloinn-sgoile agus taic do dhaoine òga le an slàinte-inntinn.
Tha moladh ann gun cleachd iad £250,000 de na tha aca de dh'airgead tasgaidh.
Tha an aithisg ag ràdh: "Chan eil ach glè bheag de roghainnean ann, a bharrachd air sàbhalaidhean agus na cùl-stòran a tha a' sìor bheagachadh a chleachdadh airson na leabhraichean a chothromachadh, agus mar sin tha teachd a-steach bhon Chìs-Chomhairle riatanach a thaobh a bhith a' glèidheadh sheirbheisean."
Thathar a' tomhas gun togadh an t-àrdachadh a thathar a' moladh timcheall air £1.5m.
Chaidh cìs-chomhairle muinntir nan Eilean Siar suas 7.5% an-uiridh seach an 8% a bhathar a' moladh.

Thathar cuideachd ag iarraidh air comhairlichean an taic a chur ri cìs a bharrachd air dàrna dachaighean agus togalaichean a tha falamh fad ùine mhòir bho 200% gu 225%.
Tha seo a' crochadh air reachdas a dh'fheumas taic na Pàrlamaid Albannaich fom bi cead aig ùghdarrasan ionadail fa leth a' chìs-chomhairle air dàrna dachaighean a stèidheachadh iad fhèin gun mhullach.
A dh'aindeoin agus gum faigh iad £5.7m a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba am-bliadhna, tha oifigich ag ràdh nach e àrdachadh ach de £525,000 a bhios ann an dèidh dhaibh toirt a-steach na gheall iad a chosg agus maoineachadh a tha comharraichte.
Tha an aithisg ag ràdh gun tàinig lùghdachadh air maoineachadh calpa bho £6.733m ann an 2025/26 gu £5.914m airson na h-ath-bhliadhna-ionmhais.
Am measg nam molaidhean eile air am beachdaich comhairlichean bidh àrdachadh ann am faraidhean bhusaichean agus cosgaisean tiodhlacaidh.
Faodar leughadh mu mholaidhean buidseit Comhairle nan Eilean Siar airson 2026/27 an seo. , taobh a-muigh