Gearraidhean £2.6m sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich comhairlaichean sna h-Eileanan Siar gearraidhean de £2.6m, is iad a' dearbhadh buidseat na bliadhna.
Thèid Cìs na Comhairle an-àirde 4.84%, is thèid £817,000 a ghearradh bho bhuidseat an fhoghlaim agus £400,000 ga ghearradh bho bhuidseat nan rathaidean.
Thèid còrr is £729,000 de dh'airgead a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba a chur mu choinneimh stòras airson bhuidseatan san àm ri teachd.
Cha deach le gluasad bhon SNP Cìs na Comhairle fhàgail mar a tha i agus stad a chur air na gearraidhean gu lèir.