Seirbheis GP ùr an Uibhist a bheir cùram gun uair a chur air dòigh ro làimh

'S ann aig Ospadal Uibhist is Bharraigh a bhios a' chlionaic ùr
- Air fhoillseachadh
Fosglaidh ionad slàinte ùr ann am Beinn na Faoghla sa Mhàrt far an urrainn don dà chuid eileanaich agus luchd-tadhail a dhol gun uair a chur air dòigh ro làimh agus dùil a bhith aca gum faigh iad cùram air an aon là.
Tha an t-seirbheis ag amas air an t-uallach a thoirt bho ionadan dhotairean-teaghlaich ann an Uibhist a tha a' dèiligeadh ri mòran euslainteach a bharrachd tro sheusan na turasachd gu sònraichte.
Tha an àireamh luchd-tadhail dha na h-Eileanan an Iar a' sìor dhol an-àirde le còrr is 389,000 ann an 2023 - àrdachadh 22% air a' bhliadhna ron sin.
Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil seo a' cur cuideim mhòir air seirbheisean prìomh-chùraim gu h-àraid ann an sgìrean mar na Hearadh, Uibhist agus Barraigh far nach eil ionadan-cuingaidheachd.
Tha dotairean-teaghlaich air innse gun tàining àrdachadh mòr air na tha de dh'euslaintich a tha gan clàradh fhèin leotha rè ùine - le 600 a bharrachd ann an Uibhist a-mhàin an-uiridh.
Tha Stiùiriche Meidigeach NHS nan Eilean siar, Sara Else, ag ràdh gum fàg an clionaic ùr gum bi barrachd tìde aig dotairean-teaghlaich dèiligeadh ri na h-euslaintich a tha clàraichte leotha làn-thìde.

Am Prìomh Mhinistear aig ionad ann an Sealtainn far am bi cùram ann gun uair a chur air dòigh ro làimh
Tha dà ìre aig a' phròiseact agus an toiseach bidh an t-ionad aig Ospadal Uibhist is Bharraigh am Baile a' Mhanaich fosgailte do luchd-tadhail agus luchd-còmhnaidh eadar-amail.
Bidh coinneamhan air-loidhne rim faotainn do luchd-còmhnaidh eadar-amail nach eil stèidhichte an Uibhist.
Bhon 26mh den t-Samhain thèid an t-seirbheis a leudachadh agus bidh cothrom air luchd-còmhnaidh Uibhist oirre seach a dhol dhan dotair-teaghlaich aca.
Fhuair an t-seirbheis ùr mu £580,000 bho Riaghaltas na h-Alba a dh'iarr an-uiridh gun rachadh seirbheisean mar seo a stèidheachadh.
Tha teagamh air Colaiste Rìoghail nan Dotairean-Teaghlaich an e am modail seo an dòigh as fheàrr luchd-obrach agus airgead a chleachdadh.
Dh'ainmich an riaghaltas Dimàirt gun tèid 15 clionaicean GP dhan urrainn daoine a dhol gun coinneamh a chur air dòigh ro làimh fhosgladh air feadh Alba, feadhainn an Inbhir Ghòrdain agus Dùn Omhain nam measg a bharrachd air fear Uibhist.
Dh'fhaodadh gum bi còrr is millean coinneamh le nurs neo dotair rim faotainn an lùib nan ionadan ùra, a rèir a' Phrìomh Mhinisteir John Swinney.
Tha dùil aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gun tèid aig an t-seirbheis ùr acasan air dèiligeadh ri suas ri 50 euslainteach san là.