Dùil ri dearbhadh air buidseat Comhairle nan Eilean Siar

Prìomh Oifisean Comhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Thèid buidseat Comhairle nan Eilean Siar a dhearbhadh an-diugh, agus aig buill ri beàrn £4.5m a lìonadh.

Am measg na tha ga mholadh an dèidh deasbad an t-seachdain a chaidh tha a' chìs-chomhairle a chur suas 8.5%.

Bha dùil gur e àrdachadh de 9.5% a bha a' Chomhairle a' moladh ach ghabh buill de chomataidh Poileasaidh agus Stòrais Dimàirt ri 8.5% air thoiseach air a' choinneimh, a thòisicheas aig 4:00f.

Tha trì atharrachaidhean gan cur air adhart a bhios air an deasbad - nam measg moladh bho na comhairlichean Nàiseantach, Gòrdan Moireach is Rae MacCoinnich, gun lean CnES orra a' cumail taic-airgid ris na buidhnean ealain mar a b' àbhaist.

Dh'aontaich comhairlichean bho chionn trì bliadhna gun sguireadh iad taic a chumail ri buidhnean mar An Lanntair agus Taigh Chearsabhagh bhon sporran aca fhèin ach gun leanadh maoineachadh bho stòras Oighreachd a' Chrùin.

B' e adhbhar connspaid agus rinneadh iomairt leis gun robh an t-aonta seo gus tighinn gu ceann am-bliadhna bha

Ghèill a' Chomhairle gu ìre san Fhaoilleach ach bidh aig na diofar bhuidhnean tagradh a dhèanamh airson phròiseactan fa leth, seach maoineachadh coitcheann fhaighinn.

Tha an t-atharrachadh ag iarraidh air a' Chomhairle maoineachadh de £109,145 airson nan gnìomhachasan cruthachail ath-stèidheachadh agus gun tig sin bhon chùl-stòr.

Tha dithis bhall SNP eile, Frances Mhoireach agus Susan NicThomais, air gluasad a chur air adhart gun tèid an cùl-stòr a chleachdadh aison a' chìs-chomhairle a chumail aig 7.5% - an aon àrdachadh 's a bh' ann an-uiridh.

A bharrachd air sin tha na comhairlichean Mustapha Hocine is Iain McNìlll airson 's nach tèid an £50,000 a ghearradh bho bhuidseat slàinte-inntinn chloinne is Comhairle do dhaoine oga.

Tha iad ag iarraidh gun tèid sin a thoirt a-mach à Stòras Coimhearsnachd nan Cladaichean.

Am measg nam molaidhean sa dreach-bhuideat tha cuideachd gun cleachdar £250,000 bho chùl-stòras ionmhasail na Comhairle airson a' bheàrn a lìonadh.

Dheadh cuideachd gearraidhean luach £380m a dhèanamh air seirbheisean.

Chan eil an t-suim sin cho buileach dona an taca ri bliadhnaichean eile, le £1.7m ga ghearradh ann an 2024/25, agus £2.6m bho chionn còig bliadhna.

Thathas cuideachd a' moladh prìsean faraidhean bhus agus cosgaisean tiodhlacaidh a chur an-àirde, le àrdachadh cuideachd air prìsean airson goireasan spòrs na Comhairle a chleachdadh.

Thathas ag iarraidh air buill an taic a chur ri àrdachadh air cìs a bharrachd a tha ga cur air dàrna dachannan agus togalaichean a tha bàn ùine mhòr bho 200% gu 225% den chìs-chomhairle.

Tha Riaghaltas na h-Alba air £5.7m a bharrachd a thoirt don Chomhairle am-bliadhna, ach tha oifigich ag ràdh nach eil an sin ach àrdachadh de £525,000 an dèidh dhaibh toirt a-steach na gheall iad a chosg agus maoineachadh a tha mar thà comharraichte.