Cha bheachdaich Banca na h-Alba às ùr air dùnadh meur ann an Uibhist

Meur Banca na h-Alba ann am Baile a' Mhanaich
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a dhearbhadh gun dùin Banca na h-Alba am Baile a' Mhanaich aig toiseach an Iuchair am-bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Torcuil Crichton, BP nan Eilean Siar, gun do rinn Buidheann Bancaidh Lloyds soilleir dha nach bi iad deònach beachdachadh às ùr air a' cho-dhùnadh meur Banca na h-Alba am Baile a' Mhanaich a dhùnadh.

Bha coinneamh aige le ceannardan na buidhne, ris a bheil Banca na h-Alba an urra, ann an Westminster far an do mhìnich e dhaibh na draghan a th' ann mun ghnothach.

Uile gu lèir tha Lloyds an dùil faisg air 100 banca a dhùnadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte, 11 dhiubh ann an Alba.

Dùinidh am banca ann am Baile a' Mhanaich air a' 1mh là den Iuchar.

Tha luchd-gnothachais ann an Uibhist am measg na tha air air draghan a thogail mun t-suidheachadh, a bhios a' fàgail dìreach aon bhanca ann an Uibhist.

Tha Mgr Crichton ag ràdh ge-tà, nach atharraich Lloyds an co-dhùnadh.

"'S e briseadh-dùil uabhasach a bhios seo do luchd-cleachdaidh prìobhaideach agus gnothachais den bhanca, 's e ann an làrach sa mheadhan faisg air a' phort-adhair agus leis gu bheil gu leòr fhathast airson dèiligeadh aghaidh ri aghaidh ri neach", thuirt e.

"Ma dhùineas am banca, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun toir LINK seachad goireasan eile do dhaoine seach an aon bhanca a bhios air fhàghail ann an Loch Baghasdail."

Tha dragh air nach bi LINK, an lìonra a bheir seachad seirbheisean bancaidh nuair a dhùineas meuran, comasach air a' bhèarn a bhios an Uibhist a lìonadh leis nach bi luchd-cleachdaidh gu leòr san sgìre dhaibh.

Dh'fhàg Mgr Crichton air na bancairean nach tug iad feairt air na tha de sheann daoine san sgìre agus na dùbhlain a dh'fhaodadh a bhith aca dèiligeadh ri an cuid gnothaichean bancaidh air-loidhne neo air a' fòn air sgath droch sheirbheisean eadar-lìon agus fòn-làimhe.

Ann am brath-naidheachd, rinn Lloyds dìon air a' phròiseas aca agus thuirt iad gun do rinn iad cinnteach gum bi cothroman eile aig daoine air seirbheisean bancaireachd ionadail mus dèan iad co-dhùnadh.

Thuirt fear-labhairt bho Lloyds: "Nuair a nì sinn co-dhùnadh meur a dhùnadh, tha sinn daonnan a' beachdachadh air na roghainnean eile a th' ann gu h-ionadal."

Ann an Uibhist tha iad ag ràdh gum faod daoine Oifis a' Phuist agus PayPoint ann an Bùth MacLennans a chleachdadh cho math ri feum a dhèanamh de na seirbheisean air-loidhne agus an app aca.

Thuirt iad gu bheil iad a' cur fios air luchd-cleachdaidh airson innse dhaibh dè na seirbheisean bancaidh eile a tha rim faotainn dhaibh.