Faradh bus £2 ann an sgeama pìleat nan Eilean Siar

Busaichean ann an Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Gheibh luchd-siubhail bhusaichean anns na h-Eileanan an Iar buannachd bho chuibhreachadh faradh bus de £2 bhon t-seachdain seo mar phàirt de sgeama pìleat Riaghaltas na h-Alba.

Tha an sgeama, a bhios a' ruith airson bliadhna, ag amas air siubhal air busaichean a dhèanamh nas fhasa agus nas reusanta agus air barrachd dhaoine fhaighinn air còmhdhail phoblach.

Tha an com-pàirteachais còmhdhail ionadail dhan Ghàidhealtachd agus dha na h-Eileanan, Hitrans, os cionn an sgeama.

Chaidh a thòiseachadh ann an Sealtainn air an 30mh den Fhaoilleach agus thèid a sgaoileadh a-mach ann an sgìre na Gàidhealtachd, Moireibh, Earra-Ghàidheal is Bòid agus Arcaibh thairis air a' mhìos air thoiseach.

Cumaidh an sgeama pìleat prìs faradh inbheach aona shlighe aig £2 agus thèid airgead a thoirt air ais do na companaidhean le Còmhdhail Alba. Tha iadsan air £10m a chosg air an sgeama.

Tha dùil gun toir seo buaidh air sgìrean dùthchail is eileanach gu h-àraidh far a bheil siubhal a' toirt nas fhaide agus far am bi faraidhean gu math àrd sa chumantas.

Bheireadh ìsleachadh ann am faraidhean faochadh do dhachannan anns nach eil teachd-a-steach mòr agus bheir e cothrom nas fheàrr do dhaoine faighinn gu seirbheisean is goireasan a thuilleadh air an cuid obrach.

Thathar cuideachd dòchasach gun gluais barrachd dhaoine às na càraichean aca ma bhios siubhal air busaichean nas saoire.

Thuirt an Comh Ùisdean Robasdan, Cathraiche Hitrans agus Cathraiche Comataidh Còmhdhail CnES: " Tha mi a' cur fàilte air a' phrògram phìleit seo. Tha busaichean math don àrainneachd agus 's e dòigh nas saoire a th' ann airson siubhal timcheall nan Eilean Siar.

"Tha mi a' taiceachadh oidhirp sam bith gus siubhal air busaichean a dhèanamh nas tarraingaiche do bharrachd dhaoine agus tha mi an dòchas gu bheil an cuibhreachadh seo gu bhith na bhrosnachadh gus barrachd dhaoine fhaicinn air na seirbheisean còmhdhail poblach ionadail againn," thuirt Mgr Robasdan.

Dh' aontaich comhairlichean CnES Dimàirt gun deadh 25% air prìs faraidhean aon shlighe bus bhon 1mh den Ghiblean 2026.