CnES gus gearraidhean £1.7m aontachadh

- Air fhoillseachadh
Tha dùil gun aontaich Comhairle nan Eilean Siar gearraidhean luach £1.7m feasgar Dimàirt.
Sin agus a' Chomhairle a' dèanamh oidhirp beàrn de £9m a lìonadh sa bhuidseat aca.
'S e roinn an fhoghlaim a dh'fhuilingeas as motha is rabhadh ann gu bheil suidheachadh ionmhais na Comhairle a' fàs nas miosa.
An dèidh maoineachaidh agus teachd a-steach a bharrachd tha toll de £3.7m air fhàgail ri lìonadh.
A thuilleadh air na gearraidhean de £1.7m ris a bheil dùil, tha dùil cuideachd gun gabh buill ri moladh £2m a thoirt bho stòras airgid na Comhairle mu choinneimh na beàirn
Am measg nan gearraidhean as motha a thèid air beulaibh chomhairlaichean tha còrr is £400,000 ann am buidseat nan sgoiltean agus an fhoghlaim, le buidseat sgoiltean-àraich a' call £150,000.
Tha molaidhean ann còrr air £100,000 a thoirt a-mach à buidseat nan seirbheisean do chloinn so-leònta, agus £30,000 a thoirt air falbh bho chòmhdhail airson sgoilearan le feumalachdan a bharrachd.
Tha an aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean a' toirt rabhaidh gum bi aca ri co-dhùnaidhean nas duilghe buileach a dhèanamh sna bliadhnaichean a tha ri teachd.