Soraidh slàn leis an Alfred

MV AlfredTùs an deilbh, Christopher Brindle
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gum fàg an MV Alfred lìonra ChalMac aig deireadh na seachdain seo às dèidh cha mhòr trì bliadhna.

Dhearbh an Riaghaltas sa Mhàrt 2023 gun robh iad air an Alfred a ghabhail air màl bho Pentland Ferries.

Chosg an t-aonta a bh' ann bho thùs £9m airson naoi mìosan.

Ach le uallach air CalMac air leantainn, chaidh an t-aonta a leudachadh grunn tursan.

Tha dùil gum bi seo air cosg mu £35m dha Riaghaltas na h-Alba air a' cheann thall.

Chosg an Alfred nas lugha na £15m dha Pentland Ferries nuair a chaidh a togail bho thùs.

Dhearbh Pentland Ferries gun tig an t-aonta a th' ann gu ceann aig deireadh na mìos.

Thuirt iad gun tèid an Alfred an uairsin dhan doc airson seirbheis bhliadhnail.

Cha tuirt iad an till i an uairsin gu Arcaibh.

Thuirt neach-labhairt bho ChalMac: "Tillidh an MV Glen Sannox Dihaoine an 6mh den Mhàrt eadar An Truthail is Brodaig.

"Tha an MV Caledonian Isles an-dràsta a' dol eadar Àird Rosain is Brodaig."