Mì-thoileachas am Barraigh mu sheirbheisean aiseig

MV Isle of Lewis aig cidhe Bhàgh a' Chaisteil
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an MV Isle of Lewis am measg cheithir soithichean mòra CalMac a tha gan càradh an-dràsta

  • Air fhoillseachadh

Tha dragh mòr am Barraigh mu na clàran-ama a tha CalMac air fhoillseachadh airson nan seachdainean ri teachd.

Le clàr-ama an t-samhraidh gu bhith a' tòiseachadh Dihaoine, chuir a' chompanaidh atharrachaidhean air diofar shlighean san lìonra aca 'son greis ri linn dìth bhàtaichean, agus grunn de na soithichean mòra aca gan càradh an-dràsta.

Tha muinntir Bharraigh a' faireachdainn gu bheil seo a' toirt buaidh ro mhòr orrasan, 's gun cothrom aca faighinn dhan Òban ach ceithir làithean san t-seachdain - rud a th' air planaichean cuid airson na Càisge is eile a chur ceàrr.

Tha cuingealachadh cuideachd air seirbheisean thar Chaolas Bharraigh, leis am faigheadh daoine air a dhol a dh'Uibhist airson aiseag Loch Baghasdail a chleachdadh le clàr-ama àbhaisteach.

Fon chlàr-ama a th' ann an-dràsta, taobh a-muigh, chan fhaighear chun an Òbain à Barraigh Diluain, Diardaoin no Disathairne chun a' 16mh là den Ghiblean.

Le seusan na turasachd a' tòiseachadh, tha seo a' cur dragh air daoine san eilean a bhios a' toirt aoigheachd seachad, leis gum falbh daoine Disathairne mar as trice, 's nach gabh sin dèanamh air an aiseag an-dràsta.

Tha e cuideachd a' cur dragh air feadhainn de mhuinntir an eilein a bha an dùil falbh a-null thairis airson làithean-saora na Càisge, leis nach fhaigh iad gu tìr-mòr nuair a dh'iarradh iad airson itealain fhaighinn.

Tha cuideachd sgoilearan às an eilean a bh' air turas sgoile a chur air dòigh gu Loch Iall airson seachdain 's nach fhaigh a' chiad là is oidhche a tha iad air pàigheadh air a shon.

Thuirt labhraiche às leth ChalMac: "Tha sinn ag aithneachadh gu bheil na h-atharrachaidhean dha na seirbheisean sàrachail do dhaoine a tha an eisimeil rinn, agus dh'iarramaid air daoine ar leisgeul a ghabhail airson na troimhe-chèile leantainnich a tha leudachadh na seirbheis aiseig co-roinnte eadar Barraigh is Uibhist a Deas ag adhbharachadh.

"Tha an t-seirbheis seo ann ri linn gainnead shoithichean mòra, a tha a' cuingealachadh nan roghainnean againn thairis air an lìonra gu lèir, leis an MV Isle of Lewis, an MV Hebrides, an MV Alfred agus an MV Loch Frisa uile a' faighinn an càradh-bhliadhnail toiseach chlàr-ama an t-samhraidh againn.

"Thug sinn fa-near cho làidir 's a tha beachdan a fhuair sinn air ais mu leudachadh na seirbheis co-roinnte, agus tha sinn a' coimhead le cabhag feuch an gabh seo a leasachadh."

Thuirt iad gu bheil duilgheadasan fastaidh a' toirt buaidh air seirbheisean Chaolas Bharraigh.

Tha iad a-niste air luchd-obrach ùra fhastadh, thuirt iad, ach tha iad fhathast ann an trèanadh, le dùil gun toir sin mìos no dhà.