Atharrachaidhean air clàran-ama samhraidh ChalMac

MV Isle of LewisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Isle of Lewis am measg soithichean mòra a tha a-mach à seirbheis agus i a' faighinn obair mhòir air a cuid stàilinn

  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Caledonian Mac a' Bhriuthain atharrachaidhean air clàran-ama an t-samhraidh le grunn shoithichean mòra a-mach à seirbheis.

Tha an MV Loch Frisa, an MV Alfred agus an MV Hebrides an-dràsta san doca airson an obair-càraidh bhliadhnail 's chan eil dùil riutha air ais ann an seirbheis ron Ghiblean.

Tha an MV Isle of Lewis a' faighinn obair mhòir ga dèanamh oirre gus a cuid stàilinn ùrachadh, ga cumail a-mach à seirbheis gu deireadh a' Chèitein.

Thuirt CalMac gun gluais iad soithichean eile timcheall an lìonra bho thoiseach clàr-ama an t-samhraidh air an 27mh là den Mhàrt, gus an 16mh là den Ghiblean airson seirbheisean a ghlèidheadh.

'S i an MV Caledonian Isles a bhios a' frithealadh Eilean Arainn san ùine seo, còmhla ris an MV Glen Sannox.

Tha dùil gun till an Alfred air an t-6mh là den Ghiblean is CalMac air aontachadh a-rithist a cumail air màl nas fhaide na bha dùil.

Bidh an MV Lord of the Isles a' frithealadh Colla, Tiriodh agus Colbhasa, leis an MV Clansman air slighean Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart fhad 's a bhios an MV Isle of Mull a' frithealadh Barraigh agus Uibhist a Deas.

Ann am Muile, bidh an MV Isle of Arran, an MV Coruisk agus an MV Loch Frisa a' seòladh air diofar shlighean.

"Tha sinn a' ruith sheirbheisean mu choinneimh grunn de na soithichean mòra againn a bhith a-mach à seirbheis, agus tha sinn ag aithneachadh na buaidhe a bheir seo air luchd-siubhail agus coimhearsnachdan," thuirt labhraiche às leth ChalMac.

"Cuidichidh na clàran-ama atharraichte seo faochadh a thoirt air an lìonra, leis na h-uimhir de chinnt aig luchd-siubhail thairis air làithean-saora na Càisge.

"Tha sinn taingeil airson foighidinn agus taic dhaoine fhad 's a tha sinn a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo."