Sgoiltean Uibhist is Bharraigh fosgailte Dimàirt, ach dùinte an Leòdhas

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil dùil gum fosgail sgoiltean agus sgoiltean-àraich ann an Uibhist is Barraigh Dimàirt, ged a bhios iad fhathast dùinte ann an Leòdhas is na Hearadh.
Thuirt iad gun sgaoil sgoiltean fhèin ann an Uibhist is Barraigh fios madainn Dimàirt ma dh'atharraicheas dad.
Dh'iarr a' Chomhairle air muinntir na sgìre a bhith furachail agus foighdhinneach fhad 's a bheir an aimsir buaidh air seirbheisean, le maill air cuid aca 's feadhainn eile air an cur dheth.
Tha sneachda trom ga fhàgail dùbhlanach salainn a chur air rathaidean na sgìre, ach tha sgiobaidhean na Comhairle a-muigh a' dèanamh mar as urrainn, thuirt iad.
Dh'innis iad cuideachd nach ruith seirbheisean bus sgoile sam bith ann an Leòdhas is na Hearadh Dimàirt, ged a ruitheas seirbheisean ann an Uibhist is Barraigh mar as àbhaist.
Bidh Leabharlann an Tairbeirt dùinte Dimàirt, agus cha bhi seirbheis bhana leabharlainn Leòdhais is na Hearadh a' ruith a bharrachd. Bidh a h-uile leabharlann eile sna h-Eileanan Siar fosgailte ge-tà.
Chan fhosgail Ionad Spòrs Leòdhais gu 09:00m Dimàirt, agus chan eil e soilleir fhathast co-dhiù fosgail Ionad Spòrs na Hearadh.
-9.3C
Bha na ceudan de sgoiltean an ceann a tuath na h-Alba agus na h-eileanan dùinte Diluain air sgàth an t-sneachda agus rabhaidhean aimsire an sàs.
Cha do dh'fhosgail sgoiltean sna h-Eileanan an Iar, Siorrachd Obar Dheathain, Arcaibh is Sealtainn, le na dusanan dùinte ann an sgìre Mhoireibh cuideachd.
Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe ù, taobh a-muighr, taobh a-muigh a sgaoileadh airson a' chuid as motha de dh'Alba agus mairidh sin gu Dimàirt.
Bha e cho fuar ri -9.3C aig Drochaid an Tulaich oidhche na Sàbaid.
Thuirt na h-eòlaichean sìde gum faodadh dùil a bhith ri suas ri 4 òirlich a bharrachd de shneachda san ear-thuath, a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan mu Thuath, agus suas ri dusan òirleach ann an cuid de dh'àitichean air tìr-mòr.
Tha mòran rathaidean aig tuath a tha fo bhuaidh na sìde cuideachd, le loidhnichean rèile dùinte cuideachd.
Chaidh na seirbheisean adhair uile a-mach à Port Adhair Sumburgh ann an Sealtainn a chur dheth Là na Sàbaid.
Tha Loganair, KLM, agus British Airways cuideachd air cuid de sheirbheisean à Port-adhair Obair Dheathain a chur dheth ged a tha am port-adhair fhathast fosgailte.
- Tùs an deilbh, NETWORK RAIL SCOTLAND

Fo-thiotal an deilbh, Chuir Network Rail an dealbh seo air na meadhanan-sòisealta Didòmhnaich a mhìneachadh carson a dhùin iad loidhne Chaol Loch Aillse
1 de 5
Thuirt Còmhdhail Alba gum biodh sgioba aca ag obair uairean nas fhaide a' stiùireadh obair nan diofar bhuidhnean.
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail Fiona Hyslop: "'S e Diluain an là a tha mòran a' tilleadh a dh'obair às dèidh nan làithean-saora. Ma dh'fheumas sibh siubhal dèanaibh cinnteach gu bheil an carbad agaibh uidheamaichte airson na sìde geamhradail agus gu bheil stuth geamhraidh agaibh sa chàr."
'S e a' chomhairle aig an Leas-Àrd-Chonastabul Alan Waddell bho Phoileas Alba gun a bhith a' siubhal mura bi an turas riatanach fhad 's a mhaireas na rabhaidhean aimsire.
"Ma dh'fheumas sibh siubhal, feuch gun gabh sibh air ar socair, gum bi dùil ri dàil agus dèan sibh cinnteach gu bheil ùine a bharrachd agaibh airson ar turais.
"Na bithibh a' dol air rathad a chaidh a dhùnadh oir bidh seo ga dhèanamh a chùm sàbhailteachd a' phobaill," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean




