Dùil ri gailleannan-sneachda an cois rabhaidhean sìde ùra

Sràid air a còmhdach le sneachd ann an Obair Dheathain madainn Dihaoine
- Air fhoillseachadh
Chaidh rabhaidhean sneachda òmair a bheir buaidh air pàirtean de cheann a tuath na h-Alba a sgaoileadh.
Tha dùil gun laigh suas ri 20cm de shneachd san ear-thuath, air a' Ghàidhealtachd, Taobh Sear Rois, Gallaibh, Peairt is Ceann Rois agus Machair Aonghais agus dùil ri gailleannan-sneachda eadar 12:00f Dihaoine gu 12:00f Disathairne.
Tha a' ghaoth mhòr air seirbheisean aiseig a chur dheth, agus tha aithrisean ann gu bheil cùisean doirbh do dhràibhearan air rathaidean dùthchail.
Tha rabhadh buidhe, nach eil buileach cho dona, an sàs airson a' chuid as motha de na sgìrean tuath air Dùn Dè agus mairidh sin gu meadhan-oidhche Là na Sàbaid.
Tha Oifis na Sìde air rabhadh a thoirt, taobh a-muigh gum faodadh dàil a bhith air daoine a tha a' siubhal air na rathaidean fhad 's a tha an rabhadh òmair an sàs, agus gum faodadh gum bi cuid de charbadan glacte san t-sneachd.
Thuirt iad gum faodadh coimhearsnachdan air an tuath a bhith air an gearradh dheth agus gum biodh buaidh air seirbheisean adhair is rèile.

'S e comhairle nam poileas gun feuchainn ri dràibheadh air rathaidean a chaidh a dhùnadh leis an t-sneachd
Dh'iarr Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, feart a thoirt air comhairle nam poileas.
Thuirt an t-Àrd-Superintendent Scott McCarren, Ceannard Obair-phoileis nan Rathaidean aig Poileas Alba: "'S e a' chomhairle againn plana siubhail a bhith agaibh agus a bhith cinnteach gu bheil an turas agaibh riatanach san droch shìde neo am faodadh sibh feitheamh gus am bi i nas fhèarr.
"Ma dh'fheumas sibh siubhal, feuch gun gabh sibh air ar socair, gum bi dùil ri dàil agus dèan sibh cinnteach gu bheil ùine a bharrachd agaibh airson ar turais.
"Na bithibh a' dol air rathad a chaidh a dhùnadh oir bidh seo ga dhèanamh a chùm sàbhailteachd a' phobaill," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
