Tha 2026 a' tòiseachadh le rabhadh aimsire an sàs do mhòran an Alba

Craobh an cois locha le beagan de shneachda air an talamhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh rabhaidhean òmair, taobh a-muigh airson sneachda a sgaoileadh airson pàirtean de cheann a tuath na h-Alba agus sìde gu math fuar reòta air fàire aig toiseach 2026.

Tha gailleannan-sneachda gu bhith ann eadar meadhan-là Dihaoine agus meadhan-là Disathairne, agus tha dùil gun làigh suas ri ochd òirlich de shneachd air a' Ghàidhealtachd, pàirtean den ear-thuath, Peairt is Ceann Rois is Machair Aonghais.

Thòisich rabhadh buidhe, nach eil buileach cho dona, mar-thà don chuid as motha de dh'àitichean tuath air Dùn Dè eadar Là na Bliadhn' Ùire agus meadhan-oidhche Là na Sàbaid.

Tha Northlink Ferries air rabhadh a thoirt seachad gur dòcha gum bi buaidh air cuid de na seirbheisean acasan eadar Dihaoine agus Didòmhnaich.

Thuirt CalMac gun deach na seòlaidhean eadar Steòrnabhagh agus Ulapul Dihaoine a chur dheth air sgàth na gaoithe mòire a bhios ann, agus gum faodadh seirbheisean eile a bith air an cur dheth.

Na tuinn mhòra aig cala Kirkwall ann an Arcaigh Là na Bliadhn' Ùire Tùs an deilbh, MBDGE/NEACH-FAIRE SÌDE A' BhBC
Fo-thiotal an deilbh,

Na tuinn mhòra aig cala Khirkwall ann an Arcaibh Là na Bliadhn' Ùire

A' cur an t-sneachda ann an Obair Itheachan air a' chiad là de 2026Tùs an deilbh, NESSIEWATCHER/NEACH-FAIRE SÌDE A' BhBC
Fo-thiotal an deilbh,

A' cur an t-sneachda ann an Obair Itheachan air a' chiad là de 2026

Thuirt Oifis na Sìde gu bheil cunnnart ann bho dhealanaich agus gun robh a h-uile coltas ann gun toireadh an sneachd buaidh air luchd-siubhail.

Cha bhi trèanaichean a' ruith co-dhiù Là na Bliadhn' Ùire ach tha Network Rail Alba ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh sgrùdaidhean air na loidhnichean agus a' cur stuth airson an deigh a leaghadh ann an làraichean far am faod seo a bhith na dhuilgheadas.

Tha dùil gum fàg an t-sìde gheamhradail cùisean doirbh do dhràibhearan cuideachd agus gum faod cuid dealan a chall.

Thuirt a' chompanaidh chumhachd SSEN gu bheil na planaichean èiginn aca an sàs, agus gu bheil sgiobaidhean deiseil airson a dhol a-mach gus dèiligeadh ri milleadh sam bith a nì an t-sìde.

Tuilleadh air an sgeulachd seo