Rabhadh aimsire 'son sneachda is deighe Là na Bliadhna Ùire

Drochaid Chàrr san t-sneachdTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Tha Oifis na Sìde air rabhadh aimsire fhoillseachadh airson sneachda agus deighe bho Là na Bliadhna Ùire.

Chaidh rabhadh buidhe, taobh a-muigh a chur an sàs bho 06:00m Diardaoin gu meadhan-oidhche Dihaoine.

Tha seo air feadh a' Chinn a Tuath, a' toirt a-steach na h-Eileanan an Iar agus cuideachd Arcaibh is Sealtainn.

Thuirt Oifis na Sìde gu bheil dùil ri frasan troma sneachda agus gu bheil cunnart ann gum bi maill air còmhdhail agus gun caill cuid cumhachd an dealain.

Dh'fhaodadh gum bi suas ri dà òirleach de shneachd ann air talamh ìosal Dihaoine, thuirt iad, is suas ri ceithir òirlich ann an cuid de dh'àitichean.

Dh'fhaodadh suas ri 8 òirlich a bhith ann air talamh nas àirde is 12 òirleach air na cnuic.