Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Minneapolis

Bha ceudan dhaoine aig faire ann am baile Minneapolis anns na Stàitean Aonaichte far an do thog iad fianais mu bhàs boireannaich air an do loisg poilis le gunnaichean a bha a' coimhead airson in-imrichean mì-laghail. Thuirt Rùnaire Tèarainteachd nan Stàitean gun do dh'amais Renee Good, 37, a dh'aona-ghnothaich le càr air oifigich mus do loisg iad oirre. Tha Riaghladair Mhinnesota, Tim Walz, a' fàgail air riaghaltas a' Chinn-suidhe Trump gu bheil iad a' cleachdadh in-imreachais mar leisgeul airson eagal a chur air a' mhòr-shluagh.

Na Stàitean

Chuir an Ceann-suidhe Trump ainm ri òrdugh airson 's gum fàg na Stàitean Aonaichte 66 buidhnean eadar-nàiseanta. Tha cha mhòr leth dhiubh sin an sàs ann iomairtean sìthe agus deamocrasaidh às leth an UN. Thuirt Mgr Trump gu bheil na buidhnean sin ag obair an aghaidh nan Stàitean Aonaichte.

Sneachd

Chuir tuilleadh sneachda sa cheann a tuath an-raoir maill air fosgladh sgoiltean an-diugh a-rithist. Tha na h-ùghdarrasan ionadail ag ràdh gu bheil iad a' fosgladh rathaidean mean air mhean agus tha na loidhnichean rèile uile fosgailte ach an loidhne eadar Inbhir Nis agus an ceann a tuath. Tha na h-uimhir de sgoiltean na Gàidhealtachd dùinte an-diugh a-rithist. Thuirt Comhairle Baile Obar Dheathain gum fosgail na sgoiltean acasan uile aig àm air choireigin tron là ach bidh còrr is ceud gu leth sgoil dùinte a-rithist airson a' cheathramh là air feadh Siorrachd Obar Dheathain.

Stoirm

Thàinig rabhadh bho Oifis na Sìde mu Stoirm Goretti an-diugh fhathast agus a-màireach. Tha rabhadh òmair ann airson sneachda trom ann ann ceann an iar-dheas agus meadhan Shasainn, sa Chuimrigh agus Yorkshire. Tha rabhadh ann cuideachd mu neart na gaoithe anns an iar-dheas.

Euslaintich

Thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba gun do chosg maill a' cur euslainteach a-mach às an ospadal còrr 's £440m dhan NHS an-uiridh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do chuir iad £20m ri cùram sòisealta nas fheàrr airson faochadh a dhèanamh dha na h-ospadalan.