Caoraich Hiortach "fiadhaich" a rèir Riaghaltas na h-Alba

- Air fhoillseachadh
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil caoraich Hiort gam faicinn mar bheathaichean fiadhaich agus nach atharraich sin aig an ìre seo.
Bha Ministear nan Cùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fearainn agus nan Eilean, Màiri Gougeon, a' freagairt ceist mu na tha Riaghaltas na h-Alba am beachd a dhèanamh gus caoraich Hiort a dhìon bho chion a' bhìdh, agus dragh air lighichean-sprèidh mun t-suidheachadh aca.
A rèir lighichean-sprèidh a tha stèidhichte ann an Uibhist, bidh na ceudan de na caoraich - suas ri 35% de na th' ann dhiubh air fad, agus 25% de na h-uain - a' bàsachadh leis an acras a h-uile bliadhna.
Thog Ball Shettleston Ghlaschu, John Mason, a' cheist aig Holyrood Diardaoin.
Fhreagair am ministear: "Thathas a' coimhead ri caoraich Shòaigh ann an Hiort mar threud neo-bhuachaillte de bheathaichean fiadhaich ri linn an eachdraidh shònraichte de bhith a' tighinn beò gun mhac-an-duine thar iomadh ginealach.
"Tha an treud sònraichte eachdraidheil seo air a dhìon le Achd Dìon nam Mamalan Fiadhaich (1996) - an aon dìon 's a th' air fèidh fhiadhaich na h-Alba.

"Aig a' cheart àm tha Urras Nàiseanta na h-Alba a' dèanamh làn-ath-sgrùdaidh air an t-suidheachadh, agus tha sinn ann an conaltradh leothasan air sin."
Nuair a dh'fhalbh muinntir Hiort ann an 1930, thug iad leotha an stoc a bh' aca air fad, a' fàgail eilein Hiort fhèin bàn.
Ann an 1936, chuir an t-uachdaran a bh' ann aig an àm caoraich à Sòaigh agus Boidheireigh a Hiort.
Thuirt Mgr Mason ge-tà, le taic bho Christine Ghreumach, gu bheil e "soilleir gur iad caoraich feireil a tha seo."
"Chan e beathaichean fiadhaich a th' ann an caoraich ann," thuirt e.
"Chaidh na caoraich seo a chur a Hiort le daoine anns na 1930an, 's tha iad air an cuingealachadh ann."

Thuirt e nan robh na caoraich "ann an Siorrachd Pheairt no ann an Aonghas, ann an àite chuingealaichte" nach biodhte gam meas fiadhaich.
Ach fhreagair am ministear gu bheil an aon seasamh air a bhith aig an Riaghaltas o chionn ùine, 's nach atharraich sin.
Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil Hiort, gur e gnothach toinnte a th' ann.
"Mar phàirt den obair leantainnich againn gus measadh a dhèanamh air mar a tha sinn a' stiùireadh nan àiteachan againn, tha sinn a' dèanamh ath-sgrùdaidh air buile nan roghainnean air fad a thaobh riaghladh nan caorach ann an eileanan Hiort," thuirt iad.
"'S e gnothach toinnte a tha seo, 's feumar coimhead air mòran rudan."
Thuirt iad cuideachd gun robh iad a' cur fàilte air ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a tha Coimisean Maith nam Beathaichean a' dèanamh an-dràsta air na gnothaichean moralta agus eitigeach an lùib riaghladh bheathaichean feireil ann an Alba.
Tha dùil ri toraidhean an ath-sgrùdaidh sin nas fhaide den bhliadhna.
"Bidh toraidhean an ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich le Coimisean Maith nam Beathaichean riatanach airson tuigse na lorgas sinn fhèin, agus tha sinn mar sin ag amas air an làn-ath-sgrùdadh againn fhèin a chrìochnachadh san dàrna leth de 2026."