Costa siar na h-Alba na "sreath toisich" an aghaidh Mhoscow, a rèir BP nan Eilean Siar

Itealan feachdan nan Stàitean Aonaichte a laigh aig Port-Adhair Bhaile a' Mhanaich
Fo-thiotal an deilbh,

Itealan feachdan nan Stàitean Aonaichte a laigh aig Port-Adhair Bhaile a' Mhanaich

  • Air fhoillseachadh

Thuirt BP nan Eilean Siar gur e "cunnart mòr" a tha san Ruis "air a' chost againn fhìn".

Bha Torcuil Crichton a' bruidhinn is e air barrachd fiosrachaidh iarraidh mun iomairt a rinn feachdan nan Stàitean Aonaichte gus smachd a ghabhail air tancair ola sa Chuan Shiar.

Tha dùil gun robh puirt-adhair Steòrnabhaigh agus Bhaile a' Mhanaich air an cleachdadh san iomairt, cho math ri Port-adhair Inbhir Ùige.

'S coltach gun robh am Marinera, a bha aithnichte roimhe mar Bella-1, a' dèanamh air port Artaig san Ruis fo bhrataich Ruiseanaich.

Tha i mar phàirt den "chabhlach dhìomhair" aig Bhenesuèla airson ola air a bheil smachd-bhannan a ghiùlain, a rèir nan ùghdarrasan Aimeireaganach.

Marinera - tancair ola a chaidh a ghlacadh le na feachdan Aimeireaganach sa Chuan Shiar agus a bha a' siubhal fo bhrataich RuiseanaichTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na Stàitean Aonaichte a' fàgail air a' Mharinera gun do bhris i smachd-bhannan le bhith a' giùlain ola à Ioran

Thuirt BP nan Eilean Siar gu bheil an soitheach agus tancairean eile "mar phàirt de chabhlach mhì-laghail a' siubhail air feadh an t-saoghail eadar an Ruis, Ioran agus Bhenesuèla".

Tha pàirt de na "prothaidhean mòra" gan cleachdadh airson armachd cogaidh an aghaidh "shìobhaltach san Ucràin" am measg eile, thuirt Mgr Crichton 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin.

"Tha an cearcall sin a' ceangal na thachair san Atlantaig a Tuath an-dè agus na tha a' tachairt san Donbas ann an ceann an ear na Roinn Eòrpa.

"Sin an t-adhbhar a dh'ainmich mi costa na h-Alba mar an t-sreath thoisich - "am frontline" againn sa bhlàr an aghaidh na Ruis".

Thuirt e nach e fiù 's rud ùr a tha sin is e a' togail air leithid cùis puinnseachadh Salisbury mar eisimpleir air obair na Ruise ann am Breatainn.

Thug Mgr Crichton rabhadh seachad gun robh iomairt nan Stàitean Aonaichte dìreach beagan cheudan mhìltean far chladaichean nan Eilean Siar "ro fhaisg airson a bhith comhfhurtail" do mhuinntir nan Eilean Siar.

Chan eil teagamh ann, thuirt e, nach bi an tuilleadh iomairtean mar seo ann agus gum bi seo "air a chluich a-mach bho chosta na h-Alba fad mhìosan is bhliadhnaichean ri thighinn".

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le BP nan Eilean Siar Torcuil Crichton

Aig a' cheart àm, chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba taic ri iomairt nan Stàitean.

Bha Iain Swinney ag ràdh nach robh fiosrachadh mionaideach aige mu na thachair ach gu bheil e a' cur taic ri gnìomh a chuireas smachd-bhannan an sàs an dèidh mar a chaidh an Ruis a-steach dhan Ucràin.

Cha deach innse dha Mgr Swinney mun iomairt ro làimh.

A' dearbhadh gun deach an soitheach a ghabhail thairis, thuirt neach-labhairt do Rùnaire a' Chogaidh anns na Stàitean Aonaichte: "Tha seo a' cur taic ri amas a' chinn-suidhe dèiligeadh ri bàtaichean a dh'fhaodadh tèarainteachd is seasmhachd an Leth-chruinne an Iar a chur ann an cunnart."

Thuirt Torcuil Crichton cuideachd gun robh e airson "moladh a dhèanamh air obair a' Chabhlaich Rìoghail agus an RAF" san iomairt.

An Taigh nan Cumantan oidhche Chiadain, dh'fhaighnich Mgr Crichton do Rùnaire an Dìon, John Healey, an robh e a' gabhail ris gur e "an Cuan Siar a Tuath an sreath toisich againn an aghaidh na Ruis".

Dh'fhreagair Mgr Healey gun robh sin fìor.

Dh'innis e do na Cumantan: "'S e pàirt de shreath thoisich Bhreatainn agus na Roinn Eòrpa an Donbas. Ach tha e cuideachd ceart a ràdh gur e pàirt den t-sreath thoisich aig an dùthaich-sa agus do Nato an Cuan Siar a Tuath."

Itealan feachdan nan Stàitean Aonaichte a laigh aig Port-Adhair Bhaile a' Mhanaich

"Linn ùr"

Thuirt Mgr Crichton cuideachd gu bheil e follaiseach gu bheil gnothaichean air atharrachadh is gum feum Breatainn coimhead às ùr air an àite aice san t-saoghal.

Feumaidh daoine aithneachadh, tha e a' cumail a-mach, gu bheil cunnartan faisg air làimh.

"Tha na thachair anns na dhà no trì làithean a chaidh seachad air dearbhadh gu bheil sinn ann an 'linn ùr' far am bi dùthchannan neartail mar an Ruis, mar Shìona is mar Aimeireagaidh, a' dèanamh mar a thogras iad gun iad a' coimhead ri laghan eadar-nàiseanta.

"Chunnaic sinn sin ann am Bhenesuèla. Chan eil duine a' caoidh a' chinn-suidhe an sin, ach mar a bha e air thogail a-mach, air a chur am bruid 'son a bhith a' seasamh os beulaibh cùirt eile ann an dùthaich eile - cha robh sin a rèir laghan eadar-nàiseanta.

"Ged a bha is gum bi ceanglaichean dlùth eadar Aimeireagaidh is Breatainn airson sinn fhìn a dhìon is iadsan a dhìon, feumaidh sinn a bhith a' coimhead rinn fhìn, na ceanglaichean as dlùithe a dhèanamh ris an Roinn Eòrpa, agus a bhith a' gabhail aire - tha an Ruis mar chunnart mhòr os ar beulaibh.

"Chan ann air taobh an ear na Roinn Eòrpa mìltean is mìltean air falbh ach air a' chost againn fhìn - dìreach a-mach bho chosta nan Eilean."

Thuirt labhraiche às leth Chomannd Eòrpach nan Stàitean Aonaichte:

"Bidh Comannd Eòrpach nan Stàitean Aonaichte gu cunbhalach a' toirt aoigheachd do dh'itealain le feachdan nan Stàtean Aonaichte (agus luchd-seirbheise) a rèir aontaidhean a th' ann le co-chòmhragaich agus compàirtichean.

"Chan eil an còrr fiosrachaidh ri fhaiginn aig an àm seo, air adhbharan tèarainteachd."