Rabhadh òmar sa cheann a tuath agus dùil ri sneachd an Alba air fad

Fear le barra san t-sneachdTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha sneachd mòr ann an Hunndaidh an Siorrachd Obair Dheathain

  • Air fhoillseachadh

Chaidh rabhaidhean ùra mu dheigh is sneachd a sgaoileadh airson Alba gu lèir Dimàirt agus na ceudan de sgoiltean fhathast dùinte an ceann a tuath na dùthcha.

Nam measg sin, tha a h-uile sgoil ann an Leòdhas agus sna Hearadh, ged a dh'fhosgail sgoiltean agus sgoiltean-àraich ann an Uibhist is Barraigh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum fosgail sgoiltean is sgoiltean-àraich uile Diciadain ge-tà, is gun ruith seirbheisean eile mar as àbhaist cuideachd.

Thuirt an t-ùghdarras gum bu chòir do dhaoine fhathast a bhith air am faiceall is droch aimsir a' leantainn.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil dùil gum fosgail na sgoiltean acasan às ùr Diciadain às dèidh làithean-saora na Nollaige, ach gum bi co-dhùnadh ann an làmhan nan ceannardan-sgoile.

Tha cuid de sgoiltean mar-tha air dearbhadh gum bi iad dùinte is gheibhear am fiosrachadh an seo, taobh a-muigh.

Tha seirbheisean bus Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd gu bhith dheth a' chiad char.

Tha rabhadh òmar, taobh a-muigh aig Oifis na Sìde gu bhith an sàs gu 7:00f Dimàirt, agus tha rabhadh buidhe, taobh a-muigh nas fharsaing ann gu deireadh an là Diciadain.

Bha e cho fuar ri -11.2C tron oidhche ann an Dail Chuinnidh.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 4, Làraidh a' glanadh an t-sneachda bho rathad air a' Ghàidhealtachd, Làraidh a' sailleadh an A87 faisg air Inbhir Nis

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air muinntir na sgìre a bhith furachail agus foighidneach fhad 's a bheir an aimsir buaidh air seirbheisean, le maill air cuid aca 's feadhainn eile air an cur dheth.

Tha sneachd trom ga fhàgail dùbhlanach salann a chur air rathaidean na sgìre, ach tha sgiobaidhean na comhairle a-muigh a' dèanamh mar as urrainn, thuirt iad.

Dh'innis iad cuideachd nach ruith seirbheisean bus-sgoile sam bith ann an Leòdhas is na Hearadh Dimàirt, ged a ruitheas seirbheisean ann an Uibhist is Barraigh mar as àbhaist.

Bidh Leabharlann an Tairbeirt dùinte Dimàirt, agus cha bhi seirbheis bhana leabharlainn Leòdhais is na Hearadh a' ruith a bharrachd. Bidh a h-uile leabharlann eile sna h-Eileanan Siar fosgailte ge-tà.

Chan fhosgail Ionad Spòrs Leòdhais gu 09:00m Dimàirt, agus chan eil e soilleir fhathast co-dhiù am fosgail Ionad Spòrs na Hearadh.

Làraidh a' Phuist Rìoghail glacte san t-sneachd air an A9Tùs an deilbh, BEAR SCOTLAND
Fo-thiotal an deilbh,

Làraidh a' Phuist Rìoghail aig an robh tubaist san t-sneachd air an A9

Tha dùil a-rithist gum bi buaidh aig an t-sìde air seirbheisean còmhdhail agus na rathaidean.

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil cunnart ann gun tig suas ri 10cm a bharrachd de shneachd sna sgìrean fo rabhadh Òmar, le cho mòr ri 15cm air talamh nas àirde na 200m.

Thuirt am Prìomh Mhinistear John Swinney gun do rinneadh "iomairt mhòr, mhòr airson còmhdhail a chumail a' dol agus seirbheisean poblach a chumail fosgailte".

Air na rathaidean, tha Bear Scotland ag ràdh gun dùin iad an A9 deas air Bearghadal eadar 9.00m agus 11.00m Dimàirt airson làraidh a' Phuist Rìòghail aig an robh tubaist Diluain a thoirt air falbh.

San ear-thuath, tha Amey, ris a bheil càradh nan rathaidean an urra, ag ràdh gu bheil an obair a' leantainn gus na rathaidean a ghlanadh.

Thuirt iad gun cuireadh iad salann air na 27 prìomh rathaidean an iar-dheas na dùthcha dà thuras gach feasgar tron t-seachdain.

Thuirt an Leas-Àrd-Chonastabal aig Poileas Alba Alan Waddell: "Tha an sneachd mòr agus an deigh a' fàgail chùisean doirbh agus cunnartach do dhràibhearan an cuid de dh'àitichean.

"'S e a' chomhairle againn plana a bhith agaibh agus gun a bhith a' siubhal mura h-eile an turas agaibh riatanach."

Tha Network Rail air a bhith ag obair a' glanadh nan loidhnichean-rèile sa cheann a tuath agus cathaidhean-làir orra a' fàgail nach b' urrainn do na trèanaichan a dhol.

Bha buaidh air seirbheisean eadar Inbhir Nis gu ruige Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa, Caol Loch Aillse agus Obair Dheathan agus eadar Obar Dheathain agus Dùn Dè Diluain.

Chan eil dùil aig Network Rail gum bi na seirbheisean sin air ais chun an àbhaist madainn Dimàirt agus dh'iarr iad air luchd-siubhail am fiosrachadh as ùire fhaighinn mus falbh iad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo