Taic-airgid do na h-ealain as motha a tha airidh air dìon a rèir suirbhidh CnES

- Air fhoillseachadh
Bha maoineachadh nan ealan air fear de na prìomhachasan a dh'ainmich am poball a thug seachad beachd do shuirbhidh a' bhuidseit aca a rinn Comhairle nan Eilean Siar.
Dh'ainmich an t-ùghdarras ionadail an t-seachdain a chaidh gum biodh beàrn buidseit £5.4m mun coinneamh airson na bliadhna ionmhais a tha romhainn.
Bha ùpraid ann agus thòisich deasbad is iomairt nuair a thàinig e am follais gun cailleadh An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus buidhnean ealain eile san sgìre taic-airgid bho CnES.
Cha tug ach ceathrar beachd mu na h-ealain nuair a rinn an t-ùghdarras ionadail suirbhidh mun bhuidseat agus seirbheisean ann an 2024.
Am-bliadhna, bha 572 tagradh ann airson airgead ealain a dhìon bho ghearraidhean buidseit, le 393 airson seirbheisean foghlaim agus 354 airson slàinte is cùram sòisealta.
Bha a' chomhairle a' sireadh bheachdan mus stèidhich iad am buidseat airson 2025/2026 air an 25mh den Ghearran.
Beachdan gan sireadh mus stèidhichear buideat CnES
- Air fhoillseachadh7 Am Faoilleach
Chaidh ceisteachan na comhairle a lìonadh le 1,273 daoine, àrdachadh cha mhòr an deich uimhir air na ghabh pàirt an-uiridh.
Thuirt 89% den fheadhainn a rinn an suirbhidh nach eil CnES a' faighinn airgid gu leòr bho Riaghaltas na h-Alba airson seirbheisean poblach a thoirt seachad sna h-Eileanan an Iar.
Thuirt an treas cuid gur e àrdachadh sa chìs-chomhairle aon dòigh na leabhraichean a chothromachadh.
Cha tuirt ach 8% gum bu chòir seirbheisean a ghearradh airson an toll sa bhuidseat a lìonadh, agus thuirt 57% gum bu chòir don chomhairle an cùl-stòras a chleachdadh.
"Teachdaireachd a' phobaill soilleir"
Thug Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, an Comh Pòl Steele, taing don fheadhainn a chuir beachdan thuca.
"Tha teachdaireachd a' phobaill soilleir; feumaidh an riaghaltas barrachd taic-airgid a thoirt do Chomhairle nan Eilean Siar agus feumaidh Comhairle nan Eilean Siar nas urrainn dhaibh a dhèanamh gus seirbheisean riatanach a dhìon bho ghearraidhean.
"Bidh buill na comhairle agus oifigich a' sgrùdadh mholaidhean an t-sluaigh agus cleachdaidh sinn am fiosrachadh a thug sibh seachad gus co-dhùnaidhean a dhèanamh," thuirt e.
Chìthear buil an t-suirbhidh an seo., taobh a-muigh