"Fuasglaidhean dha-rìribh" a dhìth a thaobh maoineachadh chomhairlean - CnES

- Air fhoillseachadh
Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar gu bheil feum air "còmhraidhean fosgailte" gus "fuasglaidhean dha-rìribh" a lorg don staing mhaoineachaidh sa bheil comhairlean na h-Alba.
Bha Pòl Steele a' bruidhinn agus a' Chomhairle air dearbhadh gu bheil beàrn £5.4m mu an coinneimh anns a' bhliadhna-ionmhais a tha romhainn.
Tro bhith a' cleachdadh toradh in-ionmhais agus riadh air iasadan chaidh aig a' Chomhairle air a' bheàrn sin a lùghdachadh gu £4.1m, ach a dh'aindeoin sin cha bhi air fhàgail aig a' Chomhairle ach £500,000 ann am maoineachadh a bharrachd nach deach a chomharrachadh fhathast.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil am figear sin gam fàgail ann an "suidheachadh dùbhlanach, uair eile, a thaobh ionmhais", agus gum feum gearraidhean a bhith ann, mar a th' air a bhith ann bliadhna an dèidh bliadhna anns na h-Eileanan Siar.
Thèid buidseat na h-ath-bhliadhna-ionmhais a stèidheachadh aig coinneamhan air an 24mh agus an 25mh den Ghearran.
Am measg nan roghainnean a tha mu choinneimh bhall tha a bhith a' cleachdadh cùl-stòrais na Comhairle - a th' air a chuingealachadh gu mòr - a' Chìs-Chomhairle àrdachadh, prìsean air seirbheisean a chur suas agus lùghdachadh a thoirt air buidseatan sheirbheisean.
Thug a' Chomhairle £2m a-mach às a' chùl-stòras aca an-uiridh, agus an stòras sin a-niste air a lùghdachadh gu mòr, a rèir an ùghdarrais ionadail.
"Briseadh-dùil mòr" dha CnES gun caill iad maoineachadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
"Chan eil am maoineachadh a tha ga thoirt do Chomhairle nan Eilean Siar math gu leòr mu choinneimh nan seirbheisean a tha sinn a' toirt don phoball aig an ìre seo," thuirt Ceannard na Comhairle, Pòl Steele.
"Chan eil seo a' sealltainn an àrdachaidh dha-rìribh de 2% a bh' ann am Buidseat Riaghaltas na h-Alba.
"Feumaidh Comhairle nan Eilean Siar agus ùghdarrasan ionadail na h-Alba gu lèir còmhraidhean fosgailte, fosgarra a chumail le Riaghaltas na h-Alba feuch fuasglaidhean dha-rìribh a lorg a thaobh maoineachadh riaghaltais ionadail, agus airson stad a chur air an treand a th' ann.
"Chan urrainn dhan Chomhairle cumail oirnn a' gearradh sheirbheisean bliadhna an dèidh bliadhna, agus chan urrainn do mhuinntir nan Eilean Siar cumail orra a' pàigheadh barrachd 's a bhith a' faighinn nas lugha 's nas lugha air ais."
Thuirt Mgr Steele gur e beachd na Comhairle gum feum ath-leasachadh adhartach a bhith ga thoirt air an roinn phoblaich, agus gum feum Riaghaltas na h-Alba grèim ceart a bhith aca air suidheachadh ionmhais na Comhairle, agus sealltainn "tro ghnìomh, seach fhaclan" gu bheil "maoineachadh seasmhach do riaghaltas ionadail agus in-ionmhas do sheirbheisean ionadail na phrìomhachas dhaibh".
Thuirt Riaghaltas na h-Alba: "Tha am Buidseat a' toirt seachad barrachd maoineachaidh na riamh roimhe do dh'ùghdarrasan ionadail, aig £15.7bn, àrdachadh dha-rìribh de 2%."