"Briseadh-dùil mòr" dha CnES gun caill iad maoineachadh

An Comh Pòl Steele
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt an Comh Pòl Steele gur e briseadh-dùil mòr a bh' anns an naidheachd gun cailleadh iad am maoineachadh deireadh a' Mhàirt

  • Air fhoillseachadh

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte coimhead às ùr air mar a roinneas iad a-mach maoineachadh.

Thàinig dearbhadh an t-seachdain a chaidh gun caill an sgìre a-mach air cuibhreann de £140m nuair a thig Maoineachadh an t-Soirbheachais Cho-roinnte gun ceann deireadh a' Mhàirt.

Tha a' Mhaoin Fàis Ionadail a' dol an àite na seann sgeama, fon deach £2.7m a chomharrachadh dha na h-Eileanan Siar.

Chaidh sin a thoirt a-steach an àite mhaoineachaidh structarail an EU an dèidh Bhrexit.

Thuirt an Comh Pòl Steele gu bheil e airson 's gun tèid ceumannan eadar-amail a chur an sàs airson buaidh deireadh iomlan na sgeama deireadh a' Mhàirt a lùghdachadh.

"Tha sinn air a bhith a' cleachdadh Maoineachadh an t-Soirbheachais Cho-roinnte thar nam bliadhnaichean mu dheireadh airson comas-cosnaidh, in-gabhaltachd ionmhasail, foghlam inbheach, fàs gnothachais agus leasachadh coimhearsnachd," thuirt e.

"Bha dùil againn gum biodh lùghdachadh air choireigin ann air a' mhaoineachadh, ach 's e briseadh-dùil mòr a th' ann a bhith a' cluinntinn nach fhaigh sinn dad.

"Tha sinn ag iarraidh gun coimhead iad a-rithist ris na dòighean aca air maoineachadh a roinn a-mach.

"Cha chreid mi gu bheil iad a' toirt fa-near mar a tha cosgais a' bhith-beò nas motha ann an eileanan na h-Alba.

"Tha sinn air a bhith ag iarraidh a bheil dòigh ann siostam eadar-amail a chur an sàs, gus nach caill sinn am maoineachadh gu lèir nuair a dhùineas an sgeama deireadh a' Mhàirt.

"Dìreach airson ar cumail a' dol fhad 's a ghluaiseas sinn gu siostam eile san àm ri teachd."

Thuirt an Comh Steele gu bheil CnES a' cur fàilte air maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid, ach gur e taic a tha sin a th' air a comharrachadh gu sònraichte 'son cuid de sgìrean is prìomhachasan.

Chan eil e comasach, thuirt e, a chosg air seirbheisean glè chudromach a chumail a' dol, mar a bha airgead bho Mhaoineachadh an t-Soirbheachais Cho-roinnte air a chur gu feum.

Chaidh beachd iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.