£40m gu CnES is Comhairle na Gàidhealtachd 'son ùrachadh coimhearsnachd

Meadhan baile Steòrnabhaigh Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sgeadachadh bhailtean am measg nam pròiseactan a gheibh taic-airgid bhon sgeama Pride in Place

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd am measg na gheibh maoineachadh bho phrògram Pride in Place aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Tha suas ri £5bn a' dol gu 339 coimhearsnachdan am Breatainn airson phròiseactan ath-leasachaidh.

Gheibh an dà chuid Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar £20m an urra bhon sgeama.

Bidh an t-airgead ann thairis air deich bliadhna.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gur e sgeama a th' ann a tha a' toirt guth dhan t-sluagh air càite is ciamar a bu chòir airgead a chosg gus coimhearsnachdan ath-bheothachadh is gum bi moit aca às ùr anns na sgìrean aca.

Tha e deatamach, thuirt iad, gun tèid conaltradh a dhèanamh le coimhearsnachdan air na prìomhachasan maoineachaidh a th' aca.

Thuirt am Prìomhaire, Keir Starmer, gur e "an rud as cudromaiche cò a cho-dhùineas mar a chosgar am maoineachadh: nàbaidhean, saor-thoilich agus na pàrantan as motha a tha eòlach air na coimhearsnachdan aca.

"'Son cus ro fhada bha daoine a' coimhead nam bailtean is nan sràidean aca a' dol bhuaithe is gun cumhachd aca stad a chur air bùithdean a bha air dùnadh is a tha falamh is pàircean a th' ann an droch staid. Tha sin seachad," thuirt e.

Chaidh airgead às an sgeama fhoillseachadh mar-thà do Mhoireibh is Siorrachd Obar Dheathain na bu tràithe am-bliadhna.

A thaobh Mhoireibh, thuirt an Riaghaltas gun deach còrr is 1,000 beachd a chur a-steach mar-thà a thaobh mar a ghabhadh piseach a thoirt air Eilginn, nam measg a' dèiligeadh ri bùithdean a tha falamh agus meadhan a' bhaile a sgeadachadh.

Tha barrachd fiosrachaidh mun phrògram Pride of Place ri fhaotainn an seo. , taobh a-muigh