Dàil air co-dhùnadh Ofcom air gearraidhean STV

Luchd-obrach STV a' togail fianais ann an Obar Dheathain san Fhaoilleach
- Air fhoillseachadh
Chuir riaghladair an telebhisein dàil air co-dhùnadh mu atharrachaidhean mòra a tha STV a' moladh air na seirbheisean naidheachd aca.
Tha STV airson an t-seirbheis naidheachd fa leth aca ann an ceann a tuath na h-Alba a ghearradh, agus na tha de phrògraman ionadail a tha iad a' dèanamh a lùghdachadh.
Thuirt Ofcom gun dèan iad co-dhùnadh air a' chùis a-nise às dèidh taghadh Pàrlamaid na h-Alba sa Chèitean, seach ron Chàisg mar a bha dùil.
Tha Ofcom ag ràdh gur e an àireamh àrd de fhreagairtean a fhuair iad ann an co-chomhairle a thàinig gu ceann tràth sa Ghearran as coireach gun deach dàil air a' cho-dhùnadh.
Rinn Aonadh an Luchd-naidheachd (NUJ) càineadh air an dàil is iad ag ràdh gun robh e na "adhbhar iongantais".
Thuirt an NUJ gum bu chòir do luchd-obrach is luchd-amhairc co-dhùnadh fhaighinn an-dràsta.
Luchd-naidheachd STV air stailc mu phlana naidheachdan aig tuath a ghearradh
- Air fhoillseachadh7 Am Faoilleach
CnES: 'S e 'ceum air ais' cur às don phrògram naidheachd STV North
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
STV fo chasaid droch-stiùireadh ionmhais an cois plana cur às do phrògram naidheachd
- Air fhoillseachadh9 An Dàmhair 2025
Fo na planaichean aig STV, bhiodh prògraman naidheachd uile a' tighinn à Glaschu is 's e sa mhòr-chuid na h-aon sgeulachdan a chìtheadh luchd-amhairc ann am meadhan is ceann a tuath na dùthcha.
Tha STV ag ràdh gum biodh luchd-naidheachd aca fhathast ann an Obar Dheathain, Dùn Dè is Inbhir Nis, is gur ann a tha iad a' feuchainn ris an t-seirbheis naidheachd aca "a dhèanamh seasmhach".
Tha Riaghaltas na h-Alba agus ceannardan phàrtaidhean eile aig Holyrood air na planaichean a chàineadh.
Bha stailc aon là aig an NUJ san Fhaoilleach mu na gearraidhean agus mun chunnart gun tèid daoine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil.
Tha eas-aonta ann cuideachd eadar STV is an NUJ agus an t-aonadh BECTU mu phàigheadh.
Tha dùil ri fios an ath-sheachdain mu bhaileatan aig an dà aonadh mu stailcean.
Chaidh beachd iarraidh bho STV.