Cathraiche chomatadh planaidh a' seasamh sìos

- Air fhoillseachadh
Tha cathraiche comataidh dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd air a dhreuchd fhàgail air sgàth bhriathran a bh' aige mu thuathan-gaoithe aig coinneimh san Fhaoilleach.
Fhad 's a bhathar a' bruidhinn mu thagradh planaidh airson tuath-ghaoithe a' Bhaile Mheadhanaich thuirt an Comh Drew Millar "nach robh an còrr thuathan-gaoithe a dhìth air an Eilean Sgitheanach".
Dh'innis oifigearan laghail do bhall an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair gum faoidte togail bho na thuirt e gun robh e an aghaidh leasachaidhean ath-nuadhachail air fad, is mar thorradh air sin nach bu chòir dha a bhith sa chathair nuair a tha an leithid ga dheasbad.
Thuirt an Comh Millar, a tha cuideachd na chathraiche air Comataidh na Gàidhlig, nach robh e airson is gun deadh na thuirt e a ghabhail san dòigh sin ach dh'aidich e gur e mearachd a bh' ann.
Leis gu bheil a' chomataidh a' dèiligeadh ri na h-uimhir de thagraidhean airson leasachaidhean ath-nuadhachail cho-dhùin an Comh Millar gun robh e ceart dha seasamh sìos.
Rinn e sin aig coinneimh den chomataidh an t-seachdain seo.
Bidh e fhathast na bhall den chomataidh ach cha bhi e ceadaichte dha pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean mu phròiseactan ath-nuadhachail.