Cathraiche bòrd Pride in Place air ainmeachadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh Calum Iain MacÌomhair ainmeachadh mar chathraiche air bòrd-stiùiridh ionadail a nì co-dhùnadh air mar a thèid £20m a chosg ann an Leòdhas fo sgeama Pride in Place.
Chaidh an t-airgead a chomharrachadh roimhe airson a chosg ann an Steòrnabhagh agus pàirt mhòr den chòrr de Leòdhas.
Tha Mgr MacÌomhair an-dràsta na Àrd-oifigear eadar-amail air Ùghdarras a' Chlò Hearaich agus b' àbhaist dha bhith na Leas Àrd-oifigear aig Comhairle nan Eilean Siar.
Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte san t-Sultain an-uiridh gum biodh suas ri £5bn a' dol gu 339 coimhearsnachdan am Breatainn airson phròiseactan ath-leasachaidh.
Thuirt iad gur e sgeama a tha seo a tha a' toirt guth dhan t-sluagh air càite is ciamar a bu chòir airgead a chosg gus coimhearsnachdan ath-bheothachadh is gum bi moit aca às ùr anns na sgìrean aca.
Coimhearsnachdan an Leòdhas is Cataibh gus buannachd fhaighinn à taic £40m
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2025
£40m gu CnES is Comhairle na Gàidhealtachd 'son ùrachadh coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain 2025
Thàinig dearbhadh san Dùbhlachd gur ann air prògraman ann an Steòrnabhagh is ann an sgìrean dùtchail an Leòdhas a thèid an £20m a thèid dha na h-Eileanan an Iar a chosg
Thèid a-niste bòrd coimhearsnachd a stèidheachadh a bhruidhinneas ri luchd-còmhnaidh agus buidhnean ionadail airson plana 10 bliadhna a chur ri chèile air mar a bu chòir an t-airgead a chosg.
Thuirt Mgr MacÌomhair: "'S e urram th' ann a bhith nam chiad Chathraiche air Bòrd Coimhearsnachd Pride of Place.
"'S e cothrom a th' ann prìomhachas a thoirt do ghuthan ionadail agus dèanamh cìnnteach gu bheil co-dhùnaidhean mu Stèornabhagh agus Leòdhas air an cur ri chèile le daoine aig a bheil am fios as fheàrr mu na coimhearsnachdan sin," thuirt e.
Chaidh £20m dha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd agus 's iad coimhearsnachdan ann an Cataibh a Tuath, an Iar is an Ear a gheibh buannachd às an airgead sin.