Coimhearsnachdan an Leòdhas is Cataibh gus buannachd fhaighinn à taic £40m

Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum faigh coimhearsnachdan ann an Leòdhas is Cataibh cothrom air taic à stòras luach £40m.

Thig an t-airgead bhon sgeama Pride in Place.

Dh'fhoillsich an riaghaltas san t-Samhain gum biodh suas ri £5bn a' dol gu 339 coimhearsnachdan am Breatainn airson phròiseactan ath-leasachaidh.

Thuirt iad gur e sgeama a tha seo a tha a' toirt guth dhan t-sluagh air càite is ciamar a bu chòir airgead a chosg gus coimhearsnachdan ath-bheothachadh is gum bi moit aca às ùr anns na sgìrean aca.

Tha e deatamach, thuirt iad, gun tèid conaltradh a dhèanamh le coimhearsnachdan air na prìomhachasan maoineachaidh a th' aca.

Dh'innis iad aig an àm gum faigheadh an dà chuid Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar suas ri £20m an urra bhon sgeama thairis air deich bliadhna.

Tha beagan a bharrachd mìneachaidh ann a-nise air cò na sgìrean a gheibh buannachd às an airgead.

Air a' Ghàidhealtachd 's iad coimhearsnachdan ann an Cataibh a Tuath, an Iar is an Ear a gheibh taic.

Anns na h-Eileanan an Iar 's e Steòrnabhagh agus a' mhòr-chuid de dh'Eilean Leòdhais a chaidh a chomharrachadh.

A rèir mapa a dh'fhoillsich an riaghaltas bidh cothrom aig coimhearsnachdan air feadh Leòdhais air taic, ach gum bi cuid mhath de sgìre Urras Steòrnabhaigh - an leithid am Bac, Tolastadh agus an Rubha - air fhàgail a-mach às an sgeama.

Fon sgeama thèid bùird a stèidheachadh aig ìre ionadail is riochdairean bhon choimhearsnachd gus co-dhùnadh càite an tèid an t-airgead a chosg.

Tha dùil gum bi prìomhachas air piseach a thoirt air àrd-shràidean is meadhan bhailtean, air sàbhailteachd a leasachadh, is air dualchas ionadail a ghlèidheadh.

Tha Rùnaire na h-Alba, Dùghlas Alexander, ag ràdh gur iad na sgirean "as motha air a bheil feum" a chaidh a thaghadh.

"Thairis air na bliadhnaichean tha daoine air faicinn gu bheil na coimhearsnachdan aca air seirbheisean is taic a chall.

"Tha sinn mar sin a' cur cumhachd ann an làmhan nan daoine 'son co-dhùnadh far an tèid an t-airgead seo a chosg".

Tha an riaghaltas ag ràdh gun deach na sgìrean a thaghadh stèidhichte air measadh air ìrean de bhochdainn is feumalachdan coimhearsnachd.

Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar gur e deagh naidheachd a tha seo is gum bi còmhraidhean aca gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn.

"Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur fàilte air taic airson ar coimhearsnachdan", thuirt ceannard an ùghdarrais, an Comh Pòl Steele.

"Thug sinn seachad fiosrachadh nuair a bhathar a' beachdachadh air na sgìrean a tha gus taic fhaighinn is bidh còmhraidhean againn a-nise le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson am fiosrachadh air fad mun taic seo fhaighinn".

Bidh an t-airgead ri fhaighinn bhon Ghiblean an ath-bhliadhna.

Tha an taic seo fa leth bho mhaoineachadh eile luach £20m dha na h-Eileanan an Iar a dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nas tràithe an t-seachdain seo.