Taighean-beaga Earra-Ghàidheil an cunnart dùnadh

Taighean-beaga aig A' Ghaineamh Bhàin faisg air an ÒbanTùs an deilbh, Getty/Michael Campbell Cole
Fo-thiotal an deilbh,

Taighean-beaga aig A' Ghaineamh Bhàin

  • Air fhoillseachadh

Cha deach gabhail ri oidhirp gus taighean-beaga poblach ann an Earra-Ghàidheal a shàbhaladh.

Chuir comhairlichean dùbhlanach gluasad air adhart aig coinneamh de Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Diciadain gus nach deadh na taighean-beaga poblach anns an sgìre a dhùnadh no a reic.

Ach cha deach gabhail ris a' mholadh.

Tha toll £10.5m anns a' bhuidseat aca an ath-bhliadhna a rèir na comhairle fhèin.

Dh'fhaodadh 38 dreuchd falbh cuideachd.

Tha a' chomhairle a' ruith 57 goireas poblach air feadh na sgìre an-dràsta.

Tha dùil gun sàbhaladh iad £100,000 le bhith gan cur bhuapa.

Chaidh aithisg ullachadh mu na diofar roghainnean a th' air beulaibh chomhairlichean a thog air cho truagh 's a tha cuid de na togalaichean anns a bheil na taighean-beaga agus nach eil an t-airgead calpa aig a' chomhairle airson leasachadh sam bith a dhèanamh orra.

Tha an aithisg a' moladh coimhead ri diofar roghainnean - a bhith a' reic cuid de na goireasan, no bhith gan toirt don choimhearsnachd airson a bhith gan ruith no bhith a' dùnadh cuid dhuibh uile gu lèir.

Cha tig co-dhùnadh deireannach gus an stèidhich an t-ùghdarras ionadail am buidseat aca anns a' Ghearran 2026 ge-tà.

Bha comhairlichean cuideachd a' deasbad an t-suidheachaidh ionmhais fìor dhùbhlanach aig Caidreachas Slàinte is Cùram Sòisealta na sgìre.

Chaidh togail air gum biodh an toll anns a' bhuidseat nas motha buileach nam biodh aig a' chomhairle ri barrachd maoineachaidh a chur ri seirbheisean cùram sòisealta.

Chaidh cuideachd a ràdh gum biodh sin buailteach buiadh a thoirt air seirbheisean eile na comhairle.

Thuirt Ceannard na comhairle, an comh. Jim Lynch, gu bheil daoine ag iarraidh seirbheisean comhairle agus gu bheil iadsan airson seirbheisean a lìbhrigeadh ach gum feum seirbheisean a bhith air am maoineachadh.

"Cumaidh sinn oirnn ag iomairt airson maoineachadh cothromach do sheirbheisean Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid," thuirt Mgr Lynch.