Cìs na comhairle ga reòthadh an Earra-Ghàidheal

Comhaire Earra-Ghàidheal is Bhòid
  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cìs na comhairle a reòthadh am-bliadhna.

Chuala coinneamh shònraichte Diluain gun cosg e suas ri £80,000 seo a chur an gnìomh.

Chaidh aontachadh cuideachd a’ chìs a chur suas 7% an ath-bhliadhna.

Bha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sa chiad dol a-mach air aontachadh sa Ghearran gun rachadh a' chìs suas 10%.

Bha seo a dh'aindeoin is mar a bha Riaghaltas na h-Alba air iarraidh air comhairlean na dùthcha cìs na comhairle a reòthadh is airgead a thabhainn orra gus am poileasaidh sin a chur an sàs.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail aig an àm nach robh "dol às ann" ach a' chìs a chur suas ma bha iad airson seirbheisean is obraichean a ghlèidheadh.

Thàinig car eile sa ghnothach sa Mhàrt ge-tà, nuair a dh'innis an t-ùghdarras ionadail gun robh iad air tighinn gu aonta le Riaghaltas na h-Alba a thaobh barrachd taic-airgid airson dèiligeadh ri buaidh fìor dhroch shìde.

Thuirt ceannard na comhairle aig an àm, Robin MacMhuirich, gun robh seo a' ciallachadh gum biodh e a-nise a' moladh do chomhairlichean cìs na comhairle a reòthadh aig coinneimh shònraichte sa Ghiblean.

Ach bha crathadh mòr eile ann toiseach a' Ghiblein nuair a ghabh buidheann ùr le comhairlichean SNP aig an stiùir smachd air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Bha na h-uimhir de mhì-thoilicheas air a bhith ann le mar a chaidh cùis na cìse-comhairle a làimhseachadh leis a' bhuidhinn-riaghlaidh a bh' ann.

'S iad na comhairlichean Jim Lynch, SNP, is Dougie Philand, neo-eisimeileach, a chaidh a thaghadh mar cheannard is pròbhost ùr.

Coinnichidh an làn-chomhairle air a' 25mh là den Ghiblean airson a' bhuidheann-riaghlaidh ùr agus dreuchdan a dhearbhadh.