Beàrn £12m am buidseat Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas Comhairle Earra-Ghàidheal is BhòidTùs an deilbh, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' sireadh maoineachaidh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba agus toll £12m sa bhuidseat aca airson na h-ath-bhliadhna ionmhais.

Tha iad ag ràdh gum faod a' bheàrn buidseit sin fhàs gu còrr air £54m eadar 2023 agus 2028.

Tha iad a' siread taic an riaghaltais airson fuasglaidhean a lorg a leigeas leotha cumail orra seirbheisean a thoirt seachad.

Thuirt Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, an Comhairliche Robin MacMhuirich: "'S ann aig amannan duilich a tha am feum as motha aig ar coimhearsnachdan air seirbheisean comhairle.

"Agus tha cùisean gu math dùbhlanach do dhaoine a tha a' dèiligeadh ri cosgaisean bith-beò, agus do na comhairlean a tha ag obair airson buidseatan a stèidheachadh aig àm cho teann 's a th' air a bhith a thaobh ionmhas nan ùghdarrasan ionadail ann an grunn bhliadhnaichean."

"Tha sinn airson a bhith ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba airson cùisean a leasachadh agus cumail oirnn a' lìbhrigeadh sheirbheisean.

"Tha cruaidh fheum aig coimhearsnachdan air seirbheisean comhairle. Feumar maoineachadh airson nan comhairlean airson nan seirbheisean sin."

Tha ceannardan chomhairlean ag obair còmhla ri Caidreachas Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, CoSlA, airson tagradh a dhèanamh do Riaghaltas na h-Alba airson maoineachaidh a bharrachd.