Mòd 2028 dearbhte dhan Òban

- Air fhoillseachadh
Chaidh aontachadh gur anns an Òban a thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an 2028.
Ghabh Comataidh Poileasaidh is Stòrais Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu foirmeil ri moladh am baile a thaghadh aig coinneimh Diardaoin.
Feumaidh fhathast an làn-chomhairle dearbhadh a thoirt air maoineachadh tràth ann an 2026.
Bha aithisg, taobh a-muigh a chaidh air beulaibh na comataidh Diardaoin air an t-Òban a mholadh, seach Dùn Omhain, mar am baile a bu fhreagarraiche airson Mòd 2028.
Bha sin an dèidh do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid aonta a ruighinn leis a' Chomunn Ghàidhealach sa Ghearran am-bliadhna gur ann san sgìre a dheadh an fhèis a chumail.
Thàinig aonta a bha ann eadar an dà bhuidhinn gum biodh am Mòd air a chumail ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gach trì bliadhna gu ceann sa Mhàrt am-bliadhna.
Moladh am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2028 a chumail san Òban
- Air fhoillseachadh28 An t-Samhain 2025
Buannachd £3.6m à Mòd an Òbain
- Air fhoillseachadh19 An Dùbhlachd 2024
Dh'aontaich a' chomataidh cuideachd ann am prionnsabal suas ri £200,000 de mhaoineachadh a thoirt don Chomunn thairis air ceithir bliadhnaichean-ionmhais, airson am Mòd a chur air dòigh.
Thig dearbhadh air an airgead sin aig coinneimh den làn-chomhairle sa Ghearran.
Chaidh am Mòd a chumail san Òban mu dheireadh ann an 2024 - am baile san deach a' chiad Mhòd Nàiseanta a chumail ann an 1892.
Thathas a' tomhas gun do chuir Mòd 2024 £3.6m ri eaconomaidh na sgìre.
A' bruidhinn air thoiseach air a' choinneimh Diardaoin, thuirt an Comunn Gàidhealach gu bheil dàimh gu math làidir aig Earra-Ghàidheal ri cànan is cultar na Gàidhlig agus gur e an-còmhnaidh àite air leth freagarrach 'son Mòid a th' ann.
"Nì sinn fiughair ris a' cho-dhùnadh aig a' Chomhairle, a thèid a dhèanamh anns a' Ghearran, gus an urrainn planaichean an tachartais tòiseachadh," thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn, Peigi NicIllinnein.