Maoineachadh nan ealan sna h-Eileanan an Iar ga dheasbad

Taigh ChearsabhaghTùs an deilbh, Taigh Chearsabhagh
  • Air fhoillseachadh

Bidh comhairlichean a' deasbad moladh an-diugh gun sguir Comhairle nan Eilean Siar de bhith a' toirt taic-airgid do bhuidhnean ealain, dualchais agus Gàidhlig san sgìre.

'S e an tuigse a tha aig BBC Naidheachdan ge-tà, gun cùm an t-ùghdarras orra a' maoineachadh nan ealan às dèidh iomairt bho bhuidhnean leithid An Lanntair.

Dh'aontaich comhairlichean bho chionn trì bliadhna gur ann bho theachd a-steach Oighreachd a' Chrùin a thigeadh maoineachadh airson nan ealan.

Tha an t-aonta sin air tighinn gu ceann agus bidh ball Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich a' beachdachadh air aithisg, taobh a-muigh a tha a' mìneachadh nach bithear tuilleadh a' toirt seachad timcheall air £110,000 sa bhliadhna do na h-ealain.

Am measg nam buidhnean a chailleas maoineachadh tha An Lanntair ann an Steòrnabhagh, agus Taigh Chearsabhagh ann an Loch nam Madadh.

Caillidh cuideachd na fèisean ionadail, Ceòlas, Fèis Cheilteach Innse Gall agus Fèis an Eilein Duirche taic-airgid bhon chomhairle.

Tha an aithisg ag aithneachadh nan draghan mu ghearraidhean Comhairle nan Eilean Siar, agus gum faodadh ìmpidh a bhith air buill na comataidh argamaid a dhèanamh airson agus gun lean maoineachadh nan ealan.

Mura bi airgead ri fhaotainn bho bhuidseatan leasachaidh eaconamaich, na Gàidhlig neo dualchais, 's e am prìomh roghainn gun lean taic-airgid Oighreachd a' Chrùin, a rèir na h-aithisg.

Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gu bheil a h-uile coltas ann gur e sin a thachras.

Cluinnidh comhairlichean gum feum iad beachdachadh air mar bu chòir an t-airgead sin a bhith air a chosg mar phàirt de ro-innleachd nas fharsainge.

Ma 's e agus gun aontaich iad airgead Oighreachd a' Chrùin a thoirt do na h-ealain, thathar a' moladh gum bu chòir do na diofar bhuidhnean tagradh a dhèanamh airson phròiseactan fa leth, seach maoineachadh coitcheann fhaighinn.