Parcadh ùr Loch Mòrlaich deiseil ron Chàisg

Tràigh Loch MòrlaichTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh mòran luchd-turais a' tadhal air tràigh Loch Mòrlaich

  • Air fhoillseachadh

Bidh obair gus leudachadh a thoirt air raon-parcaidh ri taobh Loch Mòrlaich deiseil ann an àm airson làithean-saora na Càisge, a rèir Coilltearachd is Fearann Alba.

Tha trioblaid air a bhith ann o chionn ùine le daoine a' parcadh ri taobh an rathaid mhòir, leis nach eil rùm gu leòr san raon-pharcaidh ri taobh na traghad.

Bidh obair gus an t-earrann as ìsle de Raon-pharcaidh Tràigh a' Ghlinne Mhòir a leudachadh, a' toirt a-steach parcadh a bharrachd do dhaoine chiorramach agus parcadh do rothairean, deiseil ron t-samhradh.

Tha an obair, luach £200,000, air a maoineachadh le Maoin Bun-structair na Turasachd Dùthchail aig Riaghaltas na h-Alba, Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, agus Coilltearachd is Fearann Alba (FLS).

Soidhne Raon-pharcaidh Tràigh a' Ghlinne MhòirTùs an deilbh, Coilltearachd is Fearann Alba

Bha aca ris na h-uimhir de chraobhan a leagail airson rùm a bharrachd a dhèanamh, agus thuirt FLS gun tèid craobhan a chur nan àite.

"Chaidh beachdachadh gu cùramach air plana na làraich airson cho beag chraobhan a leagail 's a ghabhadh," thuirt Manaidsear Seirbheisean Luchd-tadhail FLS, Carol Nic an Tòisich.

Nuair a bhios an obair deiseil, bidh 130 àite-parcaidh rim faighinn nas fhaisge air an tràigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo