Casg-campachaidh a dhìth aig Loch Mòrlaich

Loch MòrlaichTùs an deilbh, Duncan Ferguson
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dìth-spèis aig cuid dhan àireannachd aig Loch Mòrlaich

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh gun tèid casg a chur air daoine bho a bhith a' campachadh aig Loch Mòrlaich.

Bidh na mìltean a' tadhal air an sgìre gach bliadhna, ach tha barrachd is barrachd dol-a-mach mì-shòisealta a' dèanamh milleadh air an àite.

Tha Urras na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir ag iarraidh gun tèid fo-laghan a chleachdadh airson casg a chur air daoine a bhith a' lasadh barbecue no campachadh faisg air an loch.

Tha an seòrsa riaghailt seo an sàs mar tha timcheall air Loch Laomainn.

Tha iad cuideachd ag iarraidh gum bi na fo-laghan seo a' toirt taic do na Maoir-Dhùthcha a tha ag obair airson dìon a chur air an àireanachd timcheall na sgìre.

Tha an iomairt a' fàs airson seo a chur an gnìomh le mòran a' nochdadh aig coinneamhan ionadail airson taic a chur ris agus ag innse mun dol-a-mach aig cuid, chan ann a-mhàin a' lasadh barbecue ach a' fagail sgudail, agus salachair às an dèidh.

Teintean

Dh'iarr Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air daoine gun a bhith a' lasadh theintean anns na coilltean timcheall na sgìre agus tha iadsan a' coimhead air dè dh'fhaodar a dhèanamh 'son smachd fhaighinn air seo.

Ged a dh'aontaicheadh daoine fo-laghan a chur an gnìomh, cha tachradh seo san aithghearrachd agus dh'fheumadh conaltradh poblach a dhèanamh air an toiseach.

Tha fo-laghan mar seo an gnìomh mar tha ann am pàirtean de Phàirc Nàiseanta Loch Laomainn is na Tròisichean.