Plana làrach an MoD am Beinn na Faoghla a cheannach le CnES

Heileacoptar a' Chabhlaich Rìoghail Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha iad air a bhith a' cleachdadh na làraich a' dèanamh deiseil airson eacarsaichean Nato

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid faisg air seachd acairean de làrach Ministearachd an Dìon ann am Beinn na Faoghla nach eilear a' cleachdadh tuilleadh fo smachd Comhairle nan Eilean Siar.

Bha an talamh aig Campa an Iar am Baile a' Mhanaich uair mar phàirt de dh'ionad-deuchainnean rocaidean.

Tha an MoD air 14 togalaichean a bh' air an làraich a leagail, a' fàgail talamh bàn.

Thèid iarraidh air comhairlichean an ath-sheachdain an taic a chur ris a' phlana.

A rèir aithisg a bhios air am beulaibh chan eil cus a' dol air an talamh tuilleadh ach "nuair a bhios eacarsaich Nato Formidable Shield a' tachairt a h-uile dà bhliadhna".

Tha £500,000 ri fhaotainn do Chomhairle nan Eilean Siar bhon stòras luach £20m a fhuair an sgìre bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson leasachadh coimhearsnachd.

Sa Ghiblean 2025, dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar gur e "dèiligeadh ri neo-ionannachd, leasachadh bun-structair, neartachadh choimhearsnachdan agus fuasglaidhean ùr-ghnàthach a lorg gu h-ionadail" as motha air am bu chòir am maoineachadh sin a chosg.

Ma thèid gabhail ris a' phlana, dh'fhaodadh gun tèid eòlaichean fhastadh a leasachadh plana air mar a ghabhas an talamh a chur gu feum.

A rèir na h-aithisg, dh'fhaodadh gun tèid a chleachdadh airson foghlaim agus cur-seachadan agus "bidh beachd iarraidh bhon òigridh na phàirt riatanach den phròiseas chonaltraidh".