Togalaichean gan leagail aig a' Champa an Iar

Tha obair air tòiseachadh gus mòran thogalaichean aig a' Champa an Iar - an West Camp mar as fheàrr a dh'aithnichear e - ann am Baile a' Mhanaich a leagail.

Fhuair companaidh ionadail an cùmhnant - a mhaireas bliadhna.

Cha tèid ge-tà a h-uile togalach a thoirt a-nuas, mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.