Seirbheisean bus nas fheàrr gan iarraidh an Leòdhas is na Hearadh

Thèid toraidhean an rannsachaidh a chur air beulaibh chomhairlichean an ath-sheachdain
- Air fhoillseachadh
Tha luchd-cleachdaidh nam busaichean ann an Leòdhas is na Hearadh ag iarraidh piseach fhaicinn air seirbheisean air an fhionnaraidh agus air an deireadh-sheachdain, a rèir chonaltraidh phoblaich.
Dh'iarr daoine cuideachd gum biodh e na b' fhasa do sheann daoine agus chiorramach faighinn air bòrd agus far bhusaichean, a thuilleadh air ceanglaichean nas fheàrr ri aiseagan, plèanaichean agus seirbheisean bus eile.
Thèid toraidhean an rannsachaidh a chur air beulaibh Comataidh na Còmhdhail 's a' Bhun-structair aig Comhairle nan Eilean Siar an ath-sheachdain.
Chaidh an conaltradh poblach a dhèanamh mar phàirt den phròiseas airson cùmhnantan bus poblach agus sgoile ann an Leòdhas is na Hearadh ùrachadh.
Thig na cùmhnantan a th' ann gu ceann san Dàmhair am-bliadhna.
Fhreagair 367 duine an conaltradh poblach.
Bha na h-uimhir de na daoine a fhreagair a' gabhail ris gu bheil a' Chomhairle ann an suidheachadh doirbh a thaobh ionmhais, ach dh'iarr iad gun deadh na seirbheisean a th' ann a ghlèidheadh air a' char as lugha, a rèir na h-aithisg.
A bheil am bus seo a' dol gu...? Gàidhlig ga brosnachadh air na busaichean
- Air fhoillseachadh2 Am Màrt
Faradh bus £2 ann an sgeama pìleat nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh25 An Gearran
Bha "mì-thoileachas mòr" ann le beàrnan san t-seirbheis, gu h-àraid air an fhionnaraidh agus air an deireadh-sheachdain, agus mar a chaidh busaichean anmoch a chall, le cuid de dhaoine ag ràdh gun deach am fàgail gun chòmhdhail, no an eisimeil tagsaidh 'son faighinn dhachaigh.
Bha cho àrd 's a bha na steapaichean air busaichean, agus gainnead charbadan le ùrlaran ìosal cuideachd nan adhbhar dragh do chiorramaich agus dhaoine nas sine.
Nochd gearanan cuideachd mu bhun-structar nan stadaichean-bus, le daoine ag ràdh gun robh fasgaidhean, soidhnichean, solais agus fiosrachadh ùraichte a dhìth, a thuilleadh air duilgheadasan eile aig stèisean bus Steòrnabhaigh.
Nochd dragh cuideachd mu sheann chlàran-ama agus troimhe-chèile mu shlighean, a thuilleadh air gearanan mu chofhurtachd agus glainnead.