Atharrachaidhean san amharc aig a' Champa an Iar

  • Air fhoillseachadh
An Campa an Iar

Dh' fhaodadh cruth atharrachadh a thighinn air coltas Bhaile a' Mhanaich agus Ministrealachd an Dìon a' beachdachadh air cuid de na togalaichean aig a' Champa an Iar a leagail.

Ghluais QinetiQ, a tha a' ruith Raon nan Rocaidean ann an Uibhist, na h-obraichean mu dheireach a-mach às a' Champa an Iar ann an 2017 agus chaidh a' chuid-mhòr den champa a chur fo smachd an MOD.

Tha fathanan air a bhith a' dol aig ìre na coimhearsnachd bho chionn ghoirid gu bheil cuid de na togalaichean a-nise gu bhith air an leagail.

Tùr uisgeTùs an deilbh, Angela Chaimbeul

Ann am brath, thuirt fear-labhairt bhon MOD gu bheil QinetiQ, às leth an MOD, a' sgrùdadh am faodadh cuid de thogalaichean nach eil air an cleachdadh tuilleadh a leagail.

Dh'innis e gur e deireadh a' Mhàirt clàr-ama na h-obrach.

Chan eil follaiseach fhathast dè cho mòr 's a dh'atharraicheas coltas an àite, is àitichean-fuirich, oifisean, ionad-meidigeach, ionad-spòrs agus tùr uisge am measg nan togalaichean is structaran a th' ann.