Seachdain na Gàidhlig: "Seo an t-àm againne"

- Air fhoillseachadh
Thathar a' brosnachadh muinntir Uibhist an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean far nach àbhaist dhaibh a bhith ga bruidhinn airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh.
Bidh i ga cumail eadar an 23mh den Ghearran agus a' 1d là den Mhàrt.
Tha seo mar phàirt de dh'oidhirp nas motha a tha a' dol san sgìre feuch a' Ghàidhlig a neartachadh sa choimhearsnachd.
Bidh a' bhuidheann Cothrom a' ruith Cupa is Cabadaich gach Diciadain.
Thuirt an t-oifigear leasachaidh, JessieNicDhòmhnaill: "Tha seo a' toirt cothrom dhuinn measgachadh còmhla agus Gàidhlig a bhruidhinn agus sealltainn nach e cànan dìreach airson aon linn a th' ann.
"Tha e cudromach cuideachd nach dìochuimhnich sinn an cultar agus an cànan agus an dùthchas againn
"Seo an t-àm againne, agus seo an cothrom againne seo a phutachadh, seo a bhrosnachadh."

Tha Ceiteag NicDhòmhnaill a' moladh do dhaoin còmhraidhean a thòiseachadh sa Ghàidhlig ma tha an suidheachadh freagarrach
'S e cnag na cùise, gum bi daoine a' cleachdadh na Gàidhlig far nach àbhaist dhaibh.
Tha Oifigear Plana Gàidhlig Uibhist, Ceiteag NicDhòmhnaill, a' moladh strùpag a chumail 's an oifis, no cèilidh a chur air dòigh.
Tha i ag ràdh gu bheil dleastanas air luchd-labhairt a' chànain daoine eile a mhisneachadh gus am bi iad "cofhurtail gu leòr a bhith a' bruidhinn air ais ann an Gàidhlig ma gheibh iad an cothrom."
"Ceumannan beaga" le amas mòr Gàidhlig a neartachadh an Uibhist
- Air fhoillseachadh4 An Gearran
Thuirt i: "Ma tha sinn a' tòiseachadh daonnan ann am Beurla tha sinn a' call nan cothroman a bhith a' bruidhinn na Gàidhlig nuair a bhiodh e freagarrach.
"Gu math tric tha Gàidhlig aig an òigridh againn - tha a' chuid as motha dhiubh a' tighinn tron sgoil ag ionnsachadh na Gàidhlig.
"Ach ma tha daoine daonnan a' tòiseachadh ann am Beurla chan eil iadsan a' faighinn a' chothroim a bhith a' cleachdadh an cuid Gàidhlig."

'S e dìleab mhaireannach Seachdain na Gàidhlig a tha a' dol a dhèanamh diofair ge-tà.
"Tha e glè mhath Seachdain na Gàidhlig a bhith againn, 'son tha rudan ùra a' tòiseachadh - tha tachartasan gu bhith thall 's a-bhos ann an Uibhist an t-seachdain a tha sin," tha Ceiteag NicDhòmhnaill ag ràdh.
"Ach 's e an rud a tha sinn a' coimhead airson, 's e gum bi rudan an uair sin a' leantainn orra agus seasmhach.
"Agus na rudan a tha seo neart fhaighinn bho bhith a' tòiseachadh rud ann an Seachdain na Gàidhlig agus cumail a' dol," thuirt i.