Dùil ri binn prìosain an dèidh droch ionnsaigh an Steòrnabhagh

An t-Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tèid binn prìosain air fear à Steòrnabhagh a thug ionnsaigh air a bhràthair, ga fhàgail gun mhothachadh.

Dh'aidich Calum Naan, 50, a tha na phrìsonach ann an Inbhir Nis, gun tug e ionnsaigh air a bhràthair, ga bhualadh le a dhòrn, le a cheann 's a ghlùin mus do bhuail e mun cheann e le botal.

Thachair an ionnsaigh aig dachaigh ann an Ceàrn Shiaraim ann an Steòrnabhagh, agus ann an raon-parcaidh faisg air làimh, air an 27mh là den t-Sultain an-uiridh, a' fàgail an duine air a dhroch ghoirteachadh le buaidh mhaireannaich agus a chùm cunnart a bheatha.

Chuala an t-Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann nach tuigeadh an duine idir carson a thug a bhràthair ionnsaigh air.

Chaidh Naan a shaoradh air urras na bu thràithe am-bliadhna.

Chuala a' chùirt gun deach Naan a dhìteadh 34 turas roimhe, agus gun robh coltas air air là na h-ionnsaigh gun robh an deoch air.

Gun mhothachadh

Bha e a' tadhal air taigh a mhàthar an dèidh dhise faighinn dhachaigh on ospadal, nuair a chaidh e a-mach air a bhràthair.

An dèidh a dhochann aig an taigh, shocraich Naan, 's dh'fhàg a bhràthair an taigh. Lean Naan an uair sin a bhràthair gu raon-parcaidh agus thòisich e ga dhochann a-rithist.

"Thug e sgleog dha mun cheann, a thug air an fhear-ghearain tuiteam an comhair a chùil a' bualadh a chinn air an talamh," thuirt an Neach-Casaid.

Fhad 's a bha e na laighe air an talamh, bhuail a bhràthair e mun cheann le bun bhotail, a' fàgail gun do chaill e mothachadh.

Bha e air mothachadh fhaighinn air ais nuair a ràinig na Poilis, ged a bha e fhathast na laighe. Chaidh a thoirt don ospadal le aodion fala am broinn a chlaiginn.

Chuir am britheamh, am Morair Harrower, binn dheth gus an tèid aithisg ullachadh mu dheidhinn Naan, agus chaidh a chumail an grèim.

Tha dùil gun tèid binn air aig an Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis air an 22na là den Ghiblean.