Stiùirichean Stòras Uibhist a' seasamh sìos is bòrd eadar-amail san amharc

- Air fhoillseachadh
Tha stiùirichean Stòras Uibhist uile gus na dreuchdan aca fhàgail agus EGM gu bhith ann.
Thèid moladh a chur air adhart aig an EGM gun tèid bòrd eadar-amail a stèidheachadh air am biodh comhairlichean ionadail agus co-dhiù aon stiùiriche le eòlas proifeiseanta.
Thàinig dearbhadh air an seo Diardaoin ann am brath ann an ainm an dà chuid Sealladh na Beinne Mòire - a' chompanaidh phàrant - agus Cumhachd Ath-nuadhachail Uibhist a Deas (SURE), tè na companaidhean a tha fodhpa taobh a-staigh na buidhne.
Thàinig e cuideachd às dèidh chòmhraidhean ann an Uibhist Diciadain anns an robh Comhairle nan Eilean Siar an sàs.
Tha am brath ag ràdh gum fàg gach stiùiriche air gach companaidh taobh a-staigh Sealladh na Beinne Mòire an dreuchdan.
Thathar an dùil gum bi an triùir chomhairlichean ann an uard Uibhist a Deas, Èirisgeigh is Beinn na Faoghla air a' bhòrd ùr eadar-amail a bhiodh ann, còmhla ri dithis stiùirichean ionadail agus co-dhiù aon stiùiriche eile le eòlas proifeiseanta.
Riaghladh uachdaran coimhearsnachd Uibhist "dìreach uabhasach"
- Air fhoillseachadh6 An t-Samhain 2025
Briseadh ann an riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd aig Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh14 An t-Samhain 2025
Eòlaiche corporra ag obair aig Stòras Uibhist is iarrtas 'son EGM
- Air fhoillseachadh24 An t-Samhain 2025
Tha dùil gum bi an EGM ann tràth sa Ghiblean is dòchas ann gun gabhadh AGM a chumail san Ògmhios far an rachadh stiùirichean leantainneach a thaghadh.
Sa bhrath, thuirt Sealladh na Beinne Mòire is SURE: "Tha sinn den bheachd gur e am plana eadar-amail seo an dòigh as fheàrr gus riaghladh is obair air feadh na buidhne a neartachadh.
"Le bòrd eadar-amail le fòcas air na gnothaichean deatamach seo, bidh bunait mhath ann airson stiùirichean ùra a thig a-steach às dèidh sin is saorsa aca a' bhuidheann a ghluasad air adhart.
"Tha sinn an dùil obrachadh gu dlùth le iasadaichean agus luchd-àrachais gus am bi earbsa aca gu bheil gnothaichean ag atharrachadh, agus gun aontaich iad àrachas ùrachadh is cothrom air maoineachadh fhosgladh dhuinn.
"Leigidh seo leinn a dhol air adhart leis a' phròiseas eadar-amail seo agus dùil gum bi sinn ann an suidheachadh AGM a bhith againn san Ògmhios agus stiùrichean ùra a thaghadh".

Tha sgaraidhean domhain air bualadh air uachdaran coimhearsnachd Uibhist a Deas anns na mìosan a chaidh seachad, a' fàgail cheistean mòra mu sheasmhachd na buidhne a' dol air adhart.
Nam measg tha mar a chaill tuath-gaoithe an uachdarain choimhearsnachd àrachas.
Air aon taobh den bhuaireadh a tha air a bhith ann tha triùir stiùirichean a tha air a' mhòr-chuid air bòrd Sealladh na Beinne Mòire.
Air an taobh eile tha dithis stiùirichean eile le taic bho fheadhainn aig àrd-ìre sa sgioba cheannais ann an oifis Stòras.
Tha smachd air a bhith acasan air làrach-lìn agus meadhanan-sòisealta Stòras is teachdaireachdan air tighinn bhuapa tro SURE anns na seachdainean mu dheireadh.
"Iomagain mhòr" air ceannard CnES mu Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh11 An Gearran
Cha deach gabhail ri iarrtas airson EGM de Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
Stòras Uibhist: Buaireadh, strì, call earbsa - ach dòchas fhathast
- Air fhoillseachadh12 An Gearran
Nam measg bha brath bho SURE nas tràithe air a' mhìos seo a dh'iarr gun rachadh EGM a chumail de Shealladh na Beinne Mòire, ach gur e baileat dìomhair tron phost a bhiodh ann.
Chaidh sin a dhiùltadh le bòrd Sealladh na Beinne Mòire, a thuirt nach deach iarrtas coileanta airson EGM a chur air adhart is nach robh dearbhadh ann gun robh an t-iarrtas air gu lèor ainmean fhaighinn.
Bha bòrd Sealladh na Beinne Mòire fhèin air moladh gun rachadh bòrd neo-eisimeileach a stèidheachadh san ùine-ghoirid airson na buidhne gu lèir.
Bha iad airson is gun toireadh am bòrd seo molaidhean air adhart a thaobh structar na buidhne a leasachadh is a dhèanamh nas proifeiseanta, air thoiseach air bhòt gus stiùirichean ùra a thaghadh.
Leis mar a tha am brath ùr air tighinn bhon dà chuid Sealladh na Beinne Mòire agus SURE, bidh dòchas aig muinntir Uibhist a Deas gu bheil gnothaichean a-nise a' gluasad gu ruige fuasladh a ruighinn.