Bàta-bathair fa leth an cois obair mhòr bun-structar an dealain an Leòdhas

- Air fhoillseachadh
Fhuair SSEN am bàta-bàthair an MV Arrow airson an stuth a bhios a dhìth an lùib obair-togail Hub Leòdhais agus càball-dealain ùr eadar an t-eilean agus tìr-mòr a ghiùlain.
Bheir seo dìon, thuirt iad, air an t-seirbheis-aiseig aig CalMac eadar Steòrnabhagh agus Ullapul, agus cuiridh e ri seasmhachd an lìonra air fad.
Bidh am bàta air màl aig an luchd-togail, Balfour Beatty, ach gabhaidh i cleachdadh le companaidhean eile nuair nach eil feum aig SSEN oirre.
Thuirt Sandy Mac an t-Sagairt, Stiùiriche Phròiseactan Far-Chladaich aig SSEN: "Tha an MV Arrow a bhith againn a' toirt dhuinn misneachd agus comas pròiseact Hub Leòdhais a thoirt gu buil gun uallach a bharrachd a chur air seirbheisean aiseig air a bheil coimhearsnachd eileanach a' crochadh."
Rinneadh aonta an dèidh chòmhraidhean le Port Steòrnabhaigh, Comhairle nan Eilean Siar agus Urras Cala Ullapuil cho math ri taic a bharrachd bho Chòmhdhail Alba, CMAL agus CalMac.
A' chiad chùmhnant mòr airson Hub Leòdhais air a thoirt seachad
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach
Dùil ri co-dhùnadh deireannach air Hub Leòdhais
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2025
Ceistean mu bhuaidh obair SSEN air bun-structar Leòdhais
- Air fhoillseachadh27 An t-Ògmhios 2025
An-uiridh, thug Comhairle nan Eilean Siar cead-dealbhachaidh do Hub Leòdhais air iomall Steòrnabhaigh - làrach air am bi na fo-stèiseanan a dh'fheumar airson dèiligeadh ri cumhachd ath-nuadhachail a thèid a chruthachadh gu h-ionadail.
Bidh an càball-mara HVDC nas treasa a bhios ann comasach air suas ri 1.8GW de dhealan uaine a ghiùlain gu margaidhean air tìr-mòr.
Tha SSEN ag ràdh gu bheil a bhith a' dìon sheirbheisean sna h-eileanan air a bhith na phàirt chudromach den obair ullachaidh aca air Hub Leòdhais.
Tha iad air cùl pròiseact taigheadais faisg air Port-adhair Steòrnabhaigh agus ùrachadh Taigh-òsta a' Chaley far am bi luchd-obrach a' fuireach.