Beatha ùr do Thaigh-òsta a' Chaley

An taigh-òsta mu choinneamh cidhe Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an taigh-òsta, sa mheadhan anns an dealbh seo, air a bhith dùinte bho 2013

  • Air fhoillseachadh

Tha Taigh-òsta a' Chaledonian ann an Steòrnabhagh gu bhith a' fosgladh às ùr às dèidh dha a bhith dùinte còrr is 12 bliadhna.

Tha an teaghlach MhicArtair, aig a bheil grunn àitichean aoigheachd ann an Leòdhas mar-thà, air an togalach air a' Mhol a Deas a cheannach agus gheibh iad taic bhon chompanaidh dealain SSEN gus a sgeadachadh.

Gheibh luchd-obrach a tha gu bhith ag obair air Hub Leòdhais àite-fuirich ann anns a' chiad dol a-mach, ach thathar an dòchas an taigh-òsta fhosgladh dhan phoball nuair a bhios an obair sin deiseil.

Daibhidh MacArtair ann am bàr an taigh-òsta.Tùs an deilbh, SSEN
Fo-thiotal an deilbh,

Daibhidh MacArtair ann am bàr an taigh-òsta.

'S e Daibhidh MacArtair, agus a theaghlach, a tha os cionn a' phròiseict gus an taigh-òsta a dhèanamh deiseil a-rithist.

Dhùin e ann an 2013 agus tha mòran bheachdan air a bhith aig daoine air an t-slighe a b' fheàrr airson an togalaich a tha mu choinneamh cala Steòrnabhaigh.

"Tha sinn air a bhith a' ruith àitichean-fuirich bho na 1970an," dh'innis Daibhidh MacArtair.

"Tha seo a' faireachdainn mar an ath cheum nàdarra dhuinn."

Tha planaichean aca gus atharrachaidhean mòra a dhèanamh.

"Tha sinn gus rùmannan a bharrachd a chur ann, bidh 20 seòmar-cadail againn shuas an staidhre.

"Far an robh am bàr agus an àite-bìdhe, tha sinn an dùil sin fhosgladh a-mach agus feuchainn ris na h-uinneagan fhosgladh a-mach cuideachd gus barrachd solais fhaighinn a-steach don togalach."

Mar a tha SSEN an dòchas a bhios an taigh-òsta a coimhead is e air a sgeadachadh às ùr.Tùs an deilbh, SSEN
Fo-thiotal an deilbh,

Mar a tha SSEN an dòchas a bhios an taigh-òsta a' coimhead is e air a sgeadachadh às ùr

Tha SSEN air pàirt mhòr a chluich le bhith a' toirt an obair-leasachaidh air an togalach air adhart.

Leis mar a tha dùil ris na ceudan de luchd-obrach ag obair air na pròiseactan a th' aca ann an Leòdhas thar nam bliadhnaichean ri thighinn, tha ceistean air a bhith ann mun bhuaidh a bhios sin a' toirt air na tha de dh'àitichean-fuirich do luchd-turais.

Tha a' chompanaidh ag ràdh, le bhith a' toirt maoineachaidh don phròiseact san taigh-òsta agus a bhith ga chleachdadh an uairsin airson luchd-obrach, nach biodh na h-uimhir de chuideam air àitichean-fuirich eile.

Thuirt Caomhainn Moireasdan,oifigear coimhearsnachd SSEN: "Ma tha luchd-obrach a' tighinn agus a' fuireach anns na taighean-òsta no an àitichaen air màl ghoirid, bheir sin buaidh mhòr air na tha air fhàgail do luchd-turais.

"Tha e mar phrìomhachas dhuinn mar as urrainn dhuinn obrachadh leis a' choimhearsnachd agus a' chomhairle gus àitichean-fuirich ùra a chruthachadh.

"Nuair a tha na pròiseactan deiseil agus an luchd-obrach a' fàgail, cha bhi sinn air uimhir a bhuaidh a thoirt air gnìomhachas na turasachd, agus bidh na h-àitichean ùra air am fàgail, gus an gnìomhachas a chuideachadh."

Sealladh air cidhe Steòrnabhagh a-mach air uinneagan an taigh-òsta.
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an 'Caley' riamh aithnichte airson nan seallaidhean math a bha ri fhaighinn

Fhuair an teachlach MhicArtair iuchraichean an togalaich an t-seachdain a chàidh agus tha dùil gun tòisich an obair an ceann beagan mhìosan.

Tòisichidh an obair-togail aig Hub Leòdhais as t-samhradh 2027.

Mar sin, tha iad an dòchas gum bi na seòmraichean deiseil don luchd-obrach ron sin.

Thuirt Daibhidh MacArtair: "Tha mi a' smaointinn gun dèan e diofar mòr (dhan àite).

"Tha an togalach air a bhith falamh airson 13 bliadhna. 'S e a' chiad rud a chì thu a' tighinn a-steach air an aiseag.

"Tha daoine air a bhith ga iarraidh fhaicinn fosgailte fad bhliadhnaichean."

Chan eil ceist ann gun toir an obair air an togalach atharrachadh air na tha ri fhaicinn air a' Mhol a Deas, ach leis an deasbad a' leantainn mu na buannachdan a dh'fhaodadh a bhith an lùib gach pròiseict cumhachd a tha san amharc do Leòdhas, bidh e ri fhaicinn fhathast dè dìreach an fhàilte a bhios ron taigh-òsta ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo